Month: March 2014
Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ cur Àrd-Ollamh Rannsachaidh na Gàidhlig an dreuchd
March 28, 2014
Thathas air eòlaiche air mion-chànananan, an Oll Conchúr Ó Giollagáin, a chur an dreuchd mar Àrd-Ollamh Rannsachaidh na Gàidhlig aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus Eilean agus Stiùiriche air Soillse, Lìonradh Nàiseanta Rannsachaidh airson Glèidheadh agus Ath-bheothachadh na Gàidhlig. Tha cliù eadar-nàiseanta aig an Oll Conchúr Ó Giollagáin a thaobh planadh cànain agus cultar mhion-chànanan agus sòiseòlas. Tha e air mòran a sgrìobhadh mu chùisean a thaobh seasmhachd mhion-chànanan, gu sònraichte coimhearsnachd Gàidhealtachd na h-Èireann.
Tuilleadh fios an seo
Rannsachadh air in-imrich gu sgìrean luchd-labhairt na Gàidhlig air fhoillseachadh
March 3, 2014
Rannsachadh a fhuair taic bhon Stòras Rannsachaidh aig Soillse agus a bha air a stiùireadh leis An Dr Cassie Smith-Christmas bho Colaisde a’ Chaisteil UHI air fhoillseachadh. Tha leth-bhreac dhen aithisg an seo