Month: November 2014
Tha Soillse a’ sireadh neach-rannsachaidh ann an sòiseo-chànanachais
November 30, 2014
Rannsaiche Sòiseo-chànanachais – Dà Bhliadhna
‘S e com-pàirteachas ioma-ionadail is eadar-cuspaireil a th’ ann an Soillse eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Colaiste a’ Chaisteil, a tha nan colaistean com-pàirteachaidh ann an Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean; Oilthigh Obar Dheathain; Oilthigh Dhùn Èideann agus Oilthigh Ghlaschu. Chaidh Soillse a stèidheachadh ann an 2009 airson cothroman rannsachaidh is trèanadh iar-cheumnach a liubhairt ann an cuspairean sgoileireil co-cheangailte ri glèidheadh is ath-bheòthachadh na Gàidhlig is a cultair. Tha na h-oilthighean com-pàirteachaidh airson
Soillse a leasachadh mar iomairt rannsachaidh mhion-chànanan aig ìre eadar-nàiseanta, agus airson com-pàirteachadh anns an deasbad sgoileireil is phoblach a thaobh ghnothaichean mion-chànain le bhith a’ leudachadh nan cothroman rannsachaidh ann an sòiseo-eòlas, sòiseo-chànanachas agus poileasaidh is dealbhadh cànain a thaobh na Gàidhlig mar chànan is cultar beò, agus airson eòlas a chur ri poileasaidhean poblach ann an Alba agus thall thairis.
Tha Soillse, ann an com-pàirteachas le Sabhal Mòr Ostaig, a’ sireadh thagraidhean airson cùmhnaint a mhaireas dà bhliadhna bho rannsaichean aig a bheil eòlas is teisteanasan dearbhte airson sàr obair sgoileireil ann an cuspairean a tha buntainn ri amasan rannsachaidh Shoillse. Feumaidh tagraichean cunntas-beatha agus litir thagraidh a chur thugainn a dh’innseas ciamar a tha an eòlas freagarrach do dh’amasan rannsachaidh Shoillse agus ciamar a chuireas an sgilean rannsachaidh ri aithris-rùin rannsachaidh Shoillse. Thèid iarraidh air tagraichean anns a’ phròiseas agallaimh na comasan cànain a th’ aca sa Ghàidhlig a dhearbhadh a leigeas leotha an cuid obrach mar neach-rannsachaidh Shoillse a dhèanamh gu h-iomlan. Tha barrachd fiosrachaidh air a’ phròiseas agallaimh agus riatanasan cànain ri fhaotainn bho Stiùiriche Shoillse.
Bu chòir do thagraichean innse ciamar a fhreagras an cuid sgilean ri na puingean seo:
- Freagarrachd an iarrtais ri cuspairean rannsachaidh Shoillse
- Freagarrachd an eòlais rannsachaidh air mion-chànanan ri amasan Shoillse
- Comas air pròiseactan rannsachaidh sòiseo-cànanach a chur an sàs, a dhealbhadh is a stiùireadh
- Comas air obair rannsachaidh a chur an sàs a rèir cinn-latha rannsachaidh
- Comas air toraidhean aithris is a thaisbeanadh.
Tha am post rannsachaidh seo stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig, com-pàirtiche foghlaim ann an Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean. Tha dùil gum fuirich an tagraiche soirbheachail faisg air an àite-obrach rè a’ chùmhnaint obrach.
Dleastanasan Obrach
‘S e prìomh amas a’ phuist rannsachaidh seo com-pàirteachadh ann an Soillse mar neach-taic rannsachaidh do Stiùiriche Shoillse. Tha dùil gun leasaich an tagraiche soirbheachail ìomhaigh phearsanta ann an rannsachadh sòiseo-chànanachas a’ buntainn ri ath-bheothachadh mhion-chànanan agus gum bithear an sàs anns na prìomh phròiseactan rannsachaidh.
Cuideachd, tha dùil gun coilean an rannsaiche dleastanasan coitcheann lìonra Shoillse a tha ag amas air:
- Rannsachadh aon neach is rannsachadh buidhne a chur an sàs le bhith a’ stèidheachadh clàr obrach is a’ foillseachadh thoraidhean ann an irisean, leabhraichean is foillseachaidhean co-labhairt.
- Taic a chumail ri ullachadh thagraidhean maoineachadh do bhuidhnean iomchaidh agus na tabhartasan maoineachaidh seo a cho-stiùireadh aig sàr ìre choileanta cuide ri Stiùiriche Shoillse.
Am Post Rannsachaidh
Tiotal dreuchd: Rannsaiche Shoillse ann an Sòiseo-chànanachas
Ùine: Mairidh am post rannsachaidh dà bhliadhna
Manaidsear Sreathail: Stiùiriche Rannsachaidh Shoillse
Adhbhar a’ Phuist Rannsachaidh: Tha prìomh dhleastanasan an Rannsaiche mar a leanas:
- A’ toirt rannsachaidh os làimh gu leantainneach ann an cuspair/cuspairean iomchaidh do Shoillse agus a’ com-pàirteachadh mar sgioba airson foillseachaidhean rannsachaidh aig ìre eadar-nàiseanta a thoirt gu buil
- A’ com-pàirteachadh ann am pròiseactan rannsachaidh air an stiùireadh le Stiùiriche Shoillse
- A’ cumail taic ri Stiùiriche Shoillse le ullachadh obair rannsachaidh sgoileireil airson a foillseachadh ann an leabhraichean, irisean, aithisgean oifigeil is air-loidhne
- A’ com-pàirteachadh ann an coinneamhan is tachartasan eile a rèir Stiùiriche Shoillse
- A’ cumail taic ri obair Shoillse ann an iomadh dòigh a leithid cur ri: cruinneachadh is glèidheadh diofar sheòrsachan de stòr-dàta; foillseachadh is sgaoileadh obair rannsachaidh Shoillse ann an iomadh cruth; agus obair ullachaidh cho-labhairtean, bhùithtean-obrach, òraidean is dòighean eile air eòlas a sgaoileadh
- A’ frithealadh is a’ com-pàirteachadh ann an co-labhairtean, bùithtean-obrach, òraidean is dòighean eile air eòlas a sgaoileadh
- A’ cur ri obair ullachaidh air tagraichean maoineachaidh cuide ri Stiùiriche Shoillse
- Ag obair air làrach-lìn Shoillse, a’ cumail taic ri stiùirichean Shoillse le sgaoileadh fiosrachaidh air a’ phròiseact is toraidhean a’ phròiseact gu nàiseanta is gu h-eadar-nàiseanta.
Prìomh Chomasan
Riatanach
- Comas air a’ Ghàidhlig a thuigsinn, a leughadh, a sgrìobhadh is còmhradh a chumail. Thèid iarraidh air tagraichean an cuid chomasan cànain a thaisbeanadh aig ìre agallaimh
- Eòlas-obrach fad dà bhliadhna co-dhiù air rannsachadh sòiseo-chànananachais, cànanachais ghnìomhach, antrop-eòlais chànanach no cuspair eile freagarrach ri amasan rannsachaidh Shoillse
- Comas air obair rannsachaidh mhion-chànanan a ghabhail os làimh, eòlas obrach air dà phròiseact obair rannsachaidh no barrachd a tha iomchaidh do chlàr rannsachaidh Shoillse
- Fianais air comasan rannsachaidh innleachdach aig ìre àrd a ghabhail os làimh ann an cuspair/cuspairean iomchaidh do Shoillse agus air an rannsachadh sin fhoillseachadh
- Comasan conaltraidh math agus comas air rannsachadh a thaisbeanadh
- Comas obrach neo-eisimeileach agus fo stiùireadh cho-obraichean sgoileireil agus mar phàirt de sgioba luchd-rannsachaidh
- Comas agus deòin air tachartasan conaltraidh poblach a stiùireadh airson fios a chumail ri buidhnean fa leth air na thig às na toraidhean rannsachaidh air a’ Ghàidhlig
- Comas agus deòin air pròiseactan a chur air bhonn agus air obrachadh a rèir structaran stiùiridh
- Sàr sgilean dealbhaidh ann an rannsachadh is rianachd
- Comas obrach sa Bheurla freagarrach don ìre sgoileireil.
Buannachdail
- Eòlas air cor na Gàidhlig ann an Alba agus air poileasaidh iomchaidh airson a glèidheadh is a h-ath-bheòthachadh
- Tuigse mhath air gnothaichean co-cheangailte ri glèidheadh mion-chànain is ath-bheothachadh cànain san fharsaingeachd
- Comas dearbhte air toradh obair rannsachaidh sa Ghàidhlig a thaisbeanadh, gu labhairteach is ann an sgrìobhadh, agus comas air taisbeanaidhean a dhèanamh is com-pàirteachadh ann an co-labhairtean, bùithtean-obrach is co-chruinneachaidhean
- Comas foillseachaidh tro mheadhan na Gàidhlig
- PhD air a thoirt gu crìch no a’ tighinn gu crìch, ann an cuspair iomchaidh do na saidheansan cànain.
Ionad Fastaidh
Bidh an tagraiche soirbheachail stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig, aon de na h-ionadan com-pàirteachaidh an sàs ann an Soillse. Bidh an Rannsaiche ag obair a rèir cùmhnantan obrach an ionaid stiùiridh.
Tha dùil gum bi an tagraiche soirbheachail a’ com-pàirteachadh anns an obair aig Soillse ann an Inbhir Nis, far a bheil Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean stèidhichte, an t-ionad a tha a’ stiùireadh lìonra Shoillse.
Thèid an tagraiche soirbheachail fhastadh air tuarastal a rèir eòlais sgoileireil agus eòlais obrach, agus a rèir sgèile thuarastail SMO, eadar £29,574 – £32,250.
Ùine
Tha am post seo air a mhaoineachadh airson 2 bhliadhna.
Pròiseas Tagraidh
Feumaidh tagraichean foirm tagraidh a lìonadh is a chur thugainn cuide ris na leanas:
- Cunntas-beatha iomlan, anns a bheil clàr air foillseachadh an tagraiche, agus ainm dithis luchd-teisteanais
- Litir thagraidh a chuireas an cèill:
a) carson a thathar a’ dèanamh tagraidh agus ciamar a leudaicheas am post rannsachaidh seo an t-slighe-obrach agaibh ann an rannsachadh sgoileireil
b) ciamar a tha eòlas an tagraiche gu ruige seo iomchaidh do dh’amasan rannsachaidh Shoillse agus ciamar a chuireas an sgilean rannsachaidh ri aithris-rùin rannsachaidh Shoillse.
Gheibh tagraichean barrachd fiosrachaidh mun phost bhon Oll. Conchúr Ó Giollagáin, Stiùiriche Shoillse, ma tha iad airson còmhradh mì-fhoirmeil a chur air dòigh ron agallamh fhoirmeil. Fòn: 01471 888558; Post-d: sm00cog@uhi.ac.uk
Ceann-latha airson iarrtasan: 5 Faoilleach 2015
Ceann-latha nan agallamhan: Deireadh an Fhaoillich 2015
Prìomh-ghoireas ùr airson measadh agus leudachadh comasan labhairt sa Ghàidhlig
November 12, 2014
Thathar a’ cur air bhog pròiseact airson frèam-obrach eadar-nàiseanta ùr airson teagasg agus ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba aig Oilthighean Ghlaschu agus Obair Dheathain. Tha am pròiseact na phàirt de lìonra rannsachaidh Shoillse, Lìonra Nàiseanta an rannsachaidh airson glèidheadh agus ath-bheothachadh na Gàidhlig.
Bidh am pròiseact, Comasan Labhairt ann an Gàidhlig (CLAG), a’ dèanamh cinnteach gum faigh luchd-ionnsachaidh inbheach na Gàidhlig goireas deatamach, coltach riutha sin airson cànain Eòrpach eile, leithid Beurla, Duitsis, agus Gàidhlig na h-Èireann.
Tha CLAG ceangailte ris an Fhrèam-obrach Choitcheann Eòrpach airson Rannsachadh Cànain / Common European Framework of References for Languages (CEFR), agus bidh am pròiseact a’ mìneachadh chlàran-tomhais sa Ghàidhlig bho ìre luchd-tòiseachaidh gu ruige ìre adhartach.
Thèid a chleachdadh cuideachd le luchd-teagaisg cànain agus luchd-ionnsachaidh gus measadh a dhèanamh air ionnsachadh cànain agus comasan ann an labhairt na Gàidhlig.
Cuiridh am frèam-obrach ri àrdachadh anns an àireamh de luchd-ionnsachaidh a bhios a’ ruighinn fileantachd tro a bhith solarachadh amasan ionnsachaidh soilleir, agus a thaobh aithneachadh raointean far an tèid an cuid labhairt sa Ghàidhlig a neartachadh. Bidh e cuideachd ga chruthachadh a-rèir teisteanasan làthaireach Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba, agus a’ tarraing air a’ phailteas rannsachaidh a tha ann airson Gàidhlig agus cànain Eòrpach eile
Ga stiùireadh leis an Ollamh Roibeard Ó Maolalaigh agus Nicola Carty bho Oilthigh Ghlaschu, agus buill Shoillse aig Oilthigh Obair Dheathain, An Dr Michelle NicLeòid agus An Dr Marsaili NicLeòid, bidh am pròiseact a’ ruith airson trì bliadhna, le taic bho Chomhairle Maoineachaidh na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig.
Thubhairt Rob Ó Maolalaigh, Ollamh na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu: ‘ ’S e CLAG a’ chiad fhrèam-obrach stèidhichte air eòlas agus rannsachadh a bhios a’ solarachadh dòigh chothromach airson cunntas a thoirt air comasan labhairt sa Ghàidhlig. Bithear a’ solarachadh frèam-obrach saidheansail air a bheil feum mòr, agus air an tèid goireasan ùra, èifeachdach airson foghlam a chruthachadh.’
Thubhairt Michelle NicLeòid, Àrd-òraidiche na Gàidhlig agus Co-stiùiriche Shoillse aig Oilthigh Obair Dheathain: ‘Tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair còmhla ri co-obraichean aig Oilthigh Ghlaschu air a’ phròiseact rannsachaidh ùr seo agus tha sinn taingeil do Chomhairle Maoineachaidh na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig airson an cuid taic. Tha am pròiseact ùr seo a’ togail air a’ bhun-stèidh eòlais làthaireach mu roinn an luchd-ionnsachaidh inbheach ann an lìonra Shoillse agus bidh buaidh shònraichte aige airson luchd-ionnsachaidh inbheach agus luchd-teagaisg na Gàidhlig.’
Thubhairt Bòrd na Gàidhlig: ‘Thathar an dràsta a’ sireadh fiosrachadh bho luchd-ionnsachaidh mu na feumalachdan aca air an slighe gu fileantachd sa Ghàidhlig, agus cuiridh seo ris a’ phròiseact seo agus pròiseactan eile san àm ri teachd. Tha còmhraidhean le luchd-ionnsachaidh agus luchd-teagaisg air sealltainn gu bheil feum air leithid a ghoireas a bhios a’ cuideachadh le dealbhachadh chlasaichean agus a’ toirt cothrom do luchd-ionnsachaidh an sgilean cànain fhèin a mheasadh. Bidh an goireas ann am buidheann ghoireasan a tha an-dràsta fo leasachadh ann an ro-innleachd Bòrd na Gàidhlig agus com-pàirtichean nàiseanta eile.’
Fiosrachadh Mheadhanan: nick.wade@glasgow.ac.uk / (+44) 0141 330 7126
Tasglann chudromach de 10 millean facal Gàidhlig air a chur air bhog
November 11, 2014
Tha luchd-rannsachaidh air a’ chiad earrann de dh’obair a chrìochnachadh air an tasglainn dhidseataich as motha a th’ ann de theacsaichean Gàidhlig, mar phàirt de phròiseact tionnsgalach a tha ag amas air cothrom is tuigse air a’ Ghàidhlig a thabhann dhan phoball air feadh an t-saoghail.
Tha Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig (DASG) aithnichte mar-thà mar am na pròiseact as iomlaine agus is ioma-chuimsiche far am faighear fiosrachadh a thaobh cànan is cultar na Gàidhlig, is luchd-rannsachaidh bho Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu air a bhith ag obair air thairis air na h-ochd bliadhna a dh’fhalbh.
Tha dà phrìomh thoradh aig DASG:
• Corpas na Gàidhlig, a tha na stòr-dàta air-loidhne a ghabhas a rannsachadh is e a’ tarraing theacsaichean bhon 12mh linn chun an là an-diugh ri chèile. Còmhla, tha iad a’ dèanamh an-àirde corpas de cha mhòr 10 millean facal Gàidhlig, is dùil ann gum bi seo a’ fàs gu timcheall air 30 millean facal thairis air a’ phròiseact.
• Tasglann Obair-trusaidh, Faclan bhon t-Sluagh, anns a bheil còrr air 22,000 ceann-fhacal air an togail bho chainnt an t-sluaigh a chaidh a chlàradh an dà chuid ann an Alba agus ann an Alba Nuadh anns na 1960an, na 1970an agus na 1980an. Tha e gun samhail ann a bhith a’ tarraing dealbh de bheatha is choluadair dualchasach na Gàidhlig, is cuide ri mòran dhe na ceann-fhacail tha dealbhan eireachdail làmh-dhèanta.
Còmhla, tha an dà ghoireas seo a’ tabhann fìor-chothrom air beartas cànan is cultar na Gàidhlig is gam fosgladh do luchd-cleachdaidh air feadh an t-saoghail.
Bidh Corpas na Gàidhlig na bhunait theacsail airson pròiseact co-cheangailte anns a bheil còig oilthighean air feadh na h-Alba an sàs. Bidh Faclair na Gàidhlig a’ toirt faclair eachdraidheil Gàidhlig gu buil, aig am bi, thathar an dùil, an aon inbhe is cliù is a tha aig na faclairean mòra a gheibhear airson Beurla (Oxford English Dictionary) agus Albais (Dictionary of the Older Scottish Tongue), is an dà chruinneachadh sin a’ tabhann stòr-fiosrachaidh eachdraidheil, leicseachail dha na cànanan fa leth aca. Tha Oilthighean Ghlaschu, Obar Dheathain, Dhùn Èideann, Srath Chluaidh agus Sabhal Mòr Ostaig UHI nan compàirtichean ann am Faclair na Gàidhlig.
Thuirt Rob Ó Maolalaigh, Ollamh na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu, agus Stiùiriche DASG: “Tha Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig a’ tabhann goireas air-loidhne cumhachdail is gun samhail do dh’oileanaich is luchd-rannsachaidh na Gàidhlig air feadh an t-saoghail, is bidh e a’ fìor-atharrachadh an dòigh anns am bi rannsachadh air a dhèanamh air cànan, litreachas is cultar na Gàidhlig. Agus cothrom againn a-nis air stòr-dàta cho mòr is cho farsaing, bidh comas againn pàtranan ùra fhaicinn is a lorg anns na dòighean a chaidh an cànan a chleachdadh thairis air na linntean agus mar a tha e ga chleachdadh an-diugh. Bidh an goireas seo gar stiùireadh is gar cuideachadh ann a bhith a’ leasachadh ghoireasan teagaisg is teicneolasach ùra airson a’ chànain.”
Thuirt an t-Ollamh Murray Pittock, Iar-Phrionnsapal agus Ceannard Cholaiste nan Ealain aig Oilthigh Ghlaschu: “Mar aon de phrìomh aonadan na Gàidhlig is Ceiltis, tha an t-Oilthigh a’ cur fàilte is furan air foillseachadh nan goireasan ùra air-loidhne aig DASG, a bhios a’ tabhann goireas ionnsachaidh is rannsachaidh air leth do sgoilearan is coimhearsnachdan Gàidhlig an dà chuid an Alba agus thall thairis airson ìomhaigh na Gàidhlig, agus cho cudromach is a tha i, àrdachadh gu h-eadar-nàiseanta.”
Thuirt an t-Ollamh Boyd Robasdan, Cathraiche na Comataidh Stiùiridh aig Faclair na Gàidhlig, agus Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig: “Tha sinn gu math toilichte gu bheil a’ chiad earrann de DASG a-nis air-loidhne, is e stèidhichte air sàr-eòlas ann an Glaschu. Bidh Corpas na Gàidhlig, agus leasachaidhean ann am bathar-bog a thig na chois, a’ cruth-atharrachadh mhodhan-obrach leicseachail an Alba. Cuideachd, bidh an Tasglann Obair-tursaidh, Faclan bhon t-Sluagh uabhasach cudromach dhan fhaclair leis gu bheil faclan ann nach eil idir air an clàradh ann an tùsan eile. Tha sinn a’ coimhead air adhart gu misneachail ris an àm a tha ri teachd far am bi faclair ann dhan Ghàidhlig a tha stèidhichte air prionnsapalan eachdraidheil is iad ceangailte ri corpas didseatach a’ chànain. Air an toirt ri chèile, bidh iad a’ toirt comas do na ginealachan ri thighinn làn-tuigse air cànan is cultar na Gàidhlig a ruighinn.”
Thuirt an t-Ollamh Ùisdean Cheape, sgoilear aithnichte ann an eachdraidh is cultar na Gàidhealtachd, aig Sabhal Mòr Ostaig: “Mar sgoilear na Gàidhlig, is ùidh shònraichte agam ann am facail uile a’ chànain agus cultar dùthchasach, tha DASG a’ tabhann goireas aig ìre a bha do-bheachdachaidh roimhe seo gun a bhith a’ cur seachad rè do bheò a’ leughadh is a’ tar-sgrùdadh.”
Chaidh DASG a chur air bhonn ann an 2006 is fhuair e maoineachadh bho Acadamaidh Bhreatainn, Oilthigh Ghlaschu, Faclair na Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, Comhairle Rannsachaidh nan Ealain is nan Daonnachdan (AHRC), agus Comhairle an Rannsachadh Eaconamaich agus Shòisealta (ESRC)
Gheibhear DASG aig http://www.dasg.ac.uk.
CRÌOCH
Airson barrachd fiosrachaidh: nick.wade@glasgow.ac.uk / (+44) 0141 330 7126