Month: January 2015
Co-labhairt CAER/Soillse 2015: 28mh – 30mh dhen Chèitean
January 29, 2015
Foghlam Dà-chànanach agus Ath-bheothachadh Cànain: Bho Theòiridh gu Gnìomh
Thèid an dàrna co-labhairt aig Soillse, ‘Foghlam Dà-chànanach agus Ath-bheothachadh Cànain: Bho Theòiridh gu Gnìomh, a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig ann an co-bhonn ri CAER, Co-chomann Foghlaim dhe na Roinnean Eòrpach.
Adhbhar na Co-labhairt
Tha taic phoilitigeach agus miann làidir aig muinntir na h-Alba gun tèid a’ Ghàidhlig ath-bheothachadh agus a ghlèidheadh mar chànan làitheil na dùthcha. Tha iomairtean ann an foghlam, anns na meadhanan, agus anns an riaghaltas air atharrachadh faicsinneach a thoirt air cleachdadh na Gàidhlig air feadh na dùthcha. Aig a’ cheart àm, tha an suidheachadh sòisealta am measg luchd-labhairt na Gàidhlig a’ caochladh gu luath, agus iomadh dòigh ùr air nochdadh a bhith dà-chànanach anns a’ Bheurla agus a’ Ghàidhlig ann an Alba. Tha na h-atharraichean seo air tighinn cho luath ’s gu bheil iad a’ toirt dùbhlanan ùra dhuinn a thaobh buannachd agus cleachdadh na Gàidhlig. Chan eil na h-atharrachaidhean seo sònraichte dhan Ghàidhlig fhèin, ach coltach ri atharrachaidhean a chithear ann an suidheachadh mhion-chànanan eile mar Ghàidhlig na h-Èireann, a’ Chuimris, agus a’ Bhasgais.
Anns a’ cho-labhairt seo, thathas ag iarraidh fòram a thoirt do luchd-taic na Gàidhlig agus luchd-taic mhion-chànanan eile, luchd-foghlaim, iomairtichean, luchd-poileasaidh agus rannsaichean, gus bruidhinn air rannasachadh ùr, air eòlas agus air seallaidhean eadar-dhealaichte air teagasg agus ionnsachadh mhion-chànanan, agus air buannachd dà-chànanais. A’ togail air soirbheas Co-labhairt Shoillse ann an 2011, thèid cothrom a chruthachadh airson sgrùdadh agus deasbad nan dòighean ùra a thèid mion-chànan a chleachdadh, agus cothrom coimhead as ùr air ath-bheothachadh cànain agus raointean far am b’ urrainnear obair còmhla.
Aig a’ cho-labhairt, thèid òraidean a thoirt seachad le eòlaichean air dà-chànanas agus thèid bùithtean-obrach a chumail, air an roinn ann an sia chuspairean:
• Sòisealachadh cànain agus a’ chomhaireachd
• Na meadhanan ann an deasbad mu ath-bheothachadh cànain
• An clàr-oideachaidh fiùghanta agus dòighean-obrach ann am foghlam mion-chànain
• Luchd-ionnsachaidh inbheach agus ionnsachadh anns a’ choimhearsnachd
• Proifeiseantaich ann sàs anns a’ chomhaireachd-labhairt.
• Foghlam agus ath-thilleadh gluasad cànain
Bheir sinn cuireadh do luchd-dealbhachaidh cànain, luchd-foghlaim cànain, luchd-seirbhis, iomairtichean cànain agus rannsachaidhean do sgrùdadh agus an deasbad suidheachadh soiseochànanach mhion-chànanan, aig Colaiste Gàidhlig na h-Alba, air an Eilean Sgitheanach bhòidheach.
Seo fiosrachadh a bharrachd air a thoirt seachad le Conchúr Ó Giollagáin agus Tim Armstrong, agus cuireadh:
Airson tuilleadh fios, faicibh làrach-lin Sabhal Mòr Ostaig: http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/rannsachadh/co-labhairt-shoillse/