Month: April 2016
Co-labhairt Shoillse 2016
April 26, 2016
Planadh Mion-chànain: Coimhearsnachdan ann an Èiginn
6-8 Ògmhios 2016
Prìomh Òraidichean Dearbhte:
François Grin (Oilthigh Geneva)
Leena Huss (Oilthigh Uppsala)
Brian Ó Curnáin (Institiúid Ard-Léinn Bhaile Átha Cliath)
Tha a’ cho-labhairt seo, a tha a’ togail air na co-labhairtean soirbheachail ann an 2011 is 2015, airson cothrom a thoirt do luchd-rannsachaidh, luchd-poileasaidh, luchd-cleachdaidh agus luchd-iomairt mhion-chànanan a thighinn cruinn còmhla airson rannsachadh is eòlas a thoirt do chach-a-chèile gus an tèid seallaidhean ùra air ath-bheothachadh mhion-chànanan a bhrosnachadh agus cothroman co-obrachaidh ùra a chomharrachadh. ‘S e prìomh amas co-labhairt na bliadhna sa cùisean co-cheangailte ri planadh cànain a dheasbad aig meadhan/meanbh ìrean, air obair ath-bheothachaidh a chumas taic ri buidhnean mhion-chànanan le àireamhan sluaigh nas laige, cho math ri mion-chànanan a tha ‘às aonais stàit’ agus/no aig nach eil taic stàite. Bidh taisbeanaidhean ann air cuspairean mar a leanas:
- Planadh Cànain aig Meanbh is Meadhan Ìrean
- Dàimh eadar Mòr agus Meanbh/Meadhan Ìrean de Phlanadh Cànain
- Sgrùdadh coimeasach air coimhearsnachdan mion-chànain
- Dùbhlanan le prìomhachasan an lùib planadh mion-chànain
- Taobhadh cuspaireil agus coimhearsnachdan mion-chànain
- Feum airson oidhirpean com-pàirteach an lùib planadh cànain
- Teòiridh shòiseo-eòlach agus seasmhachd mion-chànain
- Dùbhlanan a thaobh iomadachd mhion-chànanan agus cultair iar-nuadh
Ma tha buidheann sam bith a tha ag obair air gnothaichean mar seo airson stann a chur suas aig a’ cho-labhairt faodaidh iad fios a chur gu fios@soillse.ac.uk.
Càite
Thèid a’ cho-labhairt a chumail aig ionad WILT ann an Oilthigh Ghlaschu.
Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh air ciamar a ruigear Oilthigh Ghlaschu an seo.
Prògram
Thèid a’ cho-labhairt a chumail air 6-8 Ògmhios 2016. Tha am prògram ri fhaicinn an seo. Faodaidh e atharrachadh rud beag fhathast.
‘S ma dh’fhaoidte gum bi cothrom ann airson cuairt a ghabhail air 9 Ògmhios 2016 an crochadh air cia mheud aig am biodh ùidh ann.
Tha prògram sòilsealta gu bhith ann cuideachd! Faicibh an seo.
Cuirm Chatharra
Tha sinn an comain Comhairle Bhaile Ghlaschu airson seo, a bhios air a cumail ann an Seòmraichean a’ Bhaile air a’ chiad oidhche.
Clàradh
Ma tha sibh airson tighinn dhan cho-labhairt tha sinn ag iarraidh oirbh a bhith a’ clàradh ro 01/05/2016. Tha dà cheum airson clàradh:
- Feumaidh sibh clàradh air an duilleag Eventbrite seo airson cìs na co-labhairt a phàigheadh (£125, a’ gabhail a-staigh pasgan na co-labhairt, tì/cofaidh, biadh aig meadhan-latha, dìnnear na co-labhairt agus cèilidh)
- An dèidh dhuibh clàradh thoiribh dhuinn fiosrachadh a bharrachd air an fhoirm Google seo.
Àite-fuirich
Gheibhear fiosrachadh air àiteachan-fuirich an oilthighe an seo.
Tha liosta math de dh’àiteachan-fuirich ann an Glaschu air a’ cheangal seo, gu h-àraid ann an taobh an iar a’ bhaile, far a bheil an t-oilthigh. Tha taighean-òsta agus taighean B&B mu fhichead mionaid le coiseachd bhon oilthigh agus tha àiteachan-fuirich ann am meadhan a’ bhaile mu fhichead mionaid air falbh air a’ bhus no deich mionaidean air a’ subway. ‘S urrainnear na còdan-puist G11 agus G3 a chleachdadh ma thathar a’ sireadh àite-fuirich faisg air an oilthigh ach ‘s fhiach e sùil a thoirt air a’ mhap cuideachd. (Tha cuid de na h-àiteachan seo fada air falbh on bhaile-mhòr/on taobh an iar, mar sin dèanaibh cinnteach gum faighear lorg air an àite mus tèid seòmar a ghlèidheadh).
Rannsachadh sna h-Eileanan: Agallamh
April 20, 2016
Tha sgiobaidhean Shoillse ag obair ann an Sgalpaigh, Griomasaigh, agus Èirisgeigh an-dràsta airson Pròiseact Rannsachaidh Gàidhlig nan Eilean. Seo Gòrdan Camshron a’ bruidhnn mu na tha iad a’ dèanamh, an toiseach sa Bheurla agus e a-mach air a’ phròiseact san fharsaingeachd, agus an uair sin sa Ghàidhlig air na tha e air a bhith ris ann an Èirisgeigh.
Pròiseact Ùr – Leasachadh Corpais na Gàidhlig
April 13, 2016
Tha proiseact ùr air tòiseachadh, air a stiùireadh leiis an àrd-ollam Roibeard Ó Maolalaigh aig Oilthigh Ghlaschu agus fo bhratach Shoillse.
Leugh tuilleadh an seo.