Month: August 2016
Stiùiriche Shoillse aig Comhairle na Gàidhealtachd
August 12, 2016
Bhruidhinn Conchúr Ó Giollagáin ri Comataidh Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd ann an Inbhir Nis an-dè.
Seo webcast dhen tachartais.
Agus seo an taisbeanadh a rinn e air Powerpoint.
Cothrom obrach aig Soillse
August 12, 2016
MANAIDSEAR SGAOILIDH EÒLAIS AGUS COM-PÀIRTEACHAIDH PHOBLAICH
Tha Soillse, ann an com-pàirteachas le Sabhal Mòr Ostaig (SMO), a’ cur fàilte air tairgsean mu choinneimh cùmhnaint sheal-ùine airson ro-innleachdan sgaoilidh eòlais agus com-pàirteachaidh phoblaich iomchaidh a leasachadh is a stiùireadh a rèir rùn rannsachaidh Shoillse. ‘S e iomairt chom-pàirteachaidh a th’ ann an Soillse a tha a’ liubhairt cothroman rannsachaidh ann an roinnean foghlaim a tha freagarrach airson cànan is cultar na Gàidhlig a ghlèidheadh agus ath-bheothachadh.
Tha an dreuchd stiùiridh seo stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig, a tha na chom-pàirtiche ann an Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean. Bidh mion-eòlais aig tagraichean air cor làthaireach sòiseo-cànanach na Gàidhlig, eòlas math air co-obrachadh le coimhearsnachdan Gàidhlig is buidhnean poblach a chumas taic ris a’ chànan, agus deagh sgilean airson dèiligeadh leis na meadhanan. Thèid an tagraiche soirbheachail fhastadh air sgèile tuarastail SMO aig ìre £37,088 – 40,724 (aig 0.75 FTE pro-rata).
Ceann-latha nan tagraidhean: 05/09/2016. Bu chòir tagraidhean a chur air post-d gu obair@smo.uhi.ac.uk.
Ceann-latha sealadach nan agallamhan: 12/09/2016.
Tha an tuilleadh fiosrachaidh ri fhaotainn an seo agus aig Stiùiriche Shoillse: An t-Oll. Conchúr Ó Giollagáin, Sabhal Mòr Ostaig, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, Fòn: 01471 888558, Post-d: sm00cog@uhi.ac.uk
Gheibhear foirm iarrtais obrach an seo.