Month: June 2017
Foillseachaidhean Ùra
June 13, 2017
O chionn ghoirid, tha Soillse air aithisgean air-loidhne fhoillseachadh air pròiseactan a chaidh a mhaoineachadh leis an Stòras Rannsachaidh. Gheibhear lorg orra air an taba “Foillseachaidhean” aig Foghlam agus Coimhearsnachdan.
Ann am Foghlam, tha an aithisg aig Oilthigh Shrath Chluaidh “Transformative Pedagogies for Gaelic Revitalisation” a’ toirt seachad na toraidhean bho rannsachadh a chaidh a dhèanamh air beachdan thidsearan air eadar-chànanachadh mar dhòigh theagaisg ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.
Ann an Coimhearsnachdan, tha an aithisg aig Oilthigh Heriot-Watt “‘New Speakers’ of Gaelic from outside the UK” a’ toirt seachad cùl-fhiosrachadh, fèin-fhiosrachadh agus beachdan bho bhuidheann de ‘luchd-labhairt ùra’ a tha a’ fuireach ann an Alba ach a thàinig à dùthchannan eile air taobh a-muigh na Rìoghachd Aonaichte.
Chaidh an dà phròiseact seo a dhèanamh ann an com-pàirteachadh le Oilthigh Dhùn Èideann.
Cuideachd ann an Coimhearsnachdan, tha Sabhal Mòr Ostaig air cruinneachadh de thar-sgrìobhaidhean fhoillseachadh, ann an cruth a ghabhas clò-bhualadh, air na còmhraidhean ann an “Saoghal Thormoid” a chaidh a chlàradh agus a chur air-loidhne an uiridh. Na lùib tha Facal-tòisich ùr le Stiùiriche Shoillse, Conchúr Ó Giollagáin.
Comataidh na Gàidhlig a’ dol a-mach à bith
June 2, 2017
Gàidhlig a’ gabhail ceum air ais ann an Comhairle na Gàidhealtachd
Bràth-naidheachd
Leis a’ cho-dhùnadh airson cur às do Chomataidh na Gàidhlig tha Comhairle na Gàidhealtachd an impis a’ Ghàidhlig a’ chur air falach an lùib ghnìomhan-obrach na Comhairle gu lèir.
Tha sin gu math tàmailteach, on a tha a’ Chomhairle air obair mhòr a dhèanamh thairis air na bliadhnaichean a dh’fhalbh airson cor na Gàidhlig a neartachadh agus gu h-àraid ann am foghlam sgoile.
Ann a bhith a’ leasachadh mhion-chànanan mar a’ Ghàidhlig, tha e bunaiteach gu bheil teachdaireachd làidir is maireannach a’ tighinn bho na h-Ùghdarrasan Poblach mu sheasamh is suidheachadh na Gàidhlig anns na h-amasan corporra aca. ’S e fìor dhroch theachdaireachd a th’ ann, a bhith a’ lughdachadh cumhachd Comataidh na Gàidhlig agus le bhith a’ cur chuspairean Gàidhlig an lùib chomataidh mhòr eile dhen Chomhairle.
Tha inbhe aig àrd-ìre na bunait chudromach airson taic is leasachadh a thoirt dhan Ghàidhlig thairis air sgìre mhòr na Comhairle. Tha e na dhleastanas aig a’ Chomhairle ceanglaichean èifeachdach a thogail le luchd-ùidhe san fharsaingeachd, agus tha pàirt mhòr dhen iomairt sin ceangailte ri inbhe aig àrd-ìre a bhith aig a’ Ghàidhlig taobh a-staigh na Comhairle.
Tha a’ Chomhairle an-dràsta a’ deasachadh an treas Plana Gàidhlig aca agus tha ochd amasan àrd-ìre gu bhith a’ stiùireadh ghnìomhan a thèid aontachadh leis a’ Chomhairle agus le Bòrd na Gàidhlig. Na lùib sin tha: Seirbheisean poblach; Tràth-ìrean; Foghlam; Coimhearsnachd; An t-Àite obrach; na h-Ealain; agus Eaconamaidh. Tha a’ Chomhairle ag ràdh gu bheil seirbheisean is goireasan na Gàidhlig a’ faighinn an aon spèis is urram mar a’ Bheurla. Tha e doirbh fhaicinn ciamar a thachras sin agus ciamar a bhios ùine sam bith aig a’ Chomataidh Phoblach dèiligeadh ris, is sealbh cothromach is mionaideach a’ ghabhail air na gnìomhan ceangailte ris na h-ochd àrd-amasan ann am Plana Gàidhlig na Comhairle. Tha an dòigh-obrach seo cianail lag agus a’ dèanamh dìmeas an dà chuid air coimhearsnachd na Gàidhlig agus cuideachd air dleastanas na Comhairle còirichean a’ chànain a dhìon.
Tha an co-dhùnadh seo a’ sealltainn aon uair eile am beàrn lèirsinn a th’ ann ann an Alba agus gu sònraichte taobh a-staigh na h-Ùghdarrasan Ionadail a thaobh nan dòighean a tha iad a’ cleachdadh airson cnapan-starra a chruthachadh a tha a’ cur bacadh air cor na Gàidhlig a thogail gu slighe sheasmhach. Thathar gu ìre a’ cleith gu bheil duilgheadas mòr ann le fallaineachd na Gàidhlig.
Bu chòir don treas Plana Cànain aig a’ Chomhairle a bhith a’ dèiligeadh gu dìreach leis na dùbhlain a th’ ann, a’ togail air na cothroman a th’ air an cruthachadh chun an seo, a bhith làidir gu leòr ann an seagh ro-innleachdail, agus cuideachd a bhith fosgailte gu sgrùdadh bhon t-sluagh gu lèir. Le bhith a’ cur cùisean Gàidhlig ann an oisean dorcha tha a’ Chomhairle a trèigsinn na Gàidhlig agus tha e doirbh fhaicinn ciamar a thig adhartas sam bith air suidheachadh na Gàidhlig ann an sgìre na Gàidhealtachd fo stiùir na Comhairle seo. Tha feum air lèirsinn shòisealta ann an Alba a bhios stèidhte air a’ bhuidhinn-labhairt, agus freumhaichte anns na goireasan cultarach, le co-obrachadh eadar ùghdarrasan poblach agus coimhearsnachd na Gàidhlig.
Iain Caimbeul, Manaidsear Sgaoilidh Eòlais agus Com-pàirteachaidh Phoblaich