Month: September 2018
Rannsachadh na Gàidhlig 2018 – Taisbeanaidhean
September 3, 2018
Mealaibh ur naidheachd, Oilthigh Dhùn Èideann air co-labhairt shoirbheachail – Rannsachadh na Gàidhlig 2018. Bha co-dhiù 15 taisbeanaidhean ann le daoine co-cheangailte le Soillse ann an dòigh air choireigin. Tha cuid dhiubh rim faotainn air-loidhne a-nis tro na ceanglaichean shìos.
Comasan labhairt ann an Gàidhlig. Nicola Carty, Oilthigh Ghlaschu
Reachdais air foghlam Gàidhlig: Èifeachd agus buaidh. An t-Ollamh Rob Dunbar, Oilthigh Dhùn Èideann
Luchd-ionnsachaidh dualchasaich. Michelle NicLeòid agus Marsaili NicLeòid, Oilthigh Obar Dheathain