Month: July 2019
Stòras Beò nan Gàidheal – Eisimpleir
July 31, 2019
Seo eisimpleir tràth bhon phròiseact “Stòras beò nan Gàidheal” no “Taisce bheo na nGael” anns a bheil Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Sabhal Mòr Ostaig ag obair le Soillse, agus com-pàirtichean ann an Èirinn, gus Gàidhlig na h-Alba agus na h-Èireann a chlàradh sna coimhearsnachdan far a bheil iad fhathast gam bruidhinn, a’ cleachdadh dòighean-clàraidh agus innealan-clàraidh simplidh. Chaidh am film seo a dhèanamh aig seisean trèanaidh, agus tha e a’ togail air a’ mhodal a chaidh a chleachdadh le Saoghal Thormoid. Tha Bòrd na Gàidhlig agus Foras na Gaeilge a’ toirt taic dhan phròiseact seo.
Faodar am bhidio seo fhaicinn gu dìreach air YouTube, air neo le tar-sgrìobhadh air Clilstore.