Month: January 2020
Pròiseact “Mediating Multilingualism”
January 30, 2020
Le taic bho Shoillse agus bho Shabhal Mòr Ostaig, tha an Institiud Rannsachaidh Cànain aig OGE a’ stiùireadh am pròiseact seo gus ceanglaichean a thogail le luchd-rannsachaidh sna h-Innseachan aig a bheil ùidh ann an ioma-chànanas agus cànain ann an cunnart. Anns a’ chiad bhliadhna, 2018-2019, chaidh co-labhairt a chumail aig Amity University, Haryana, mar phàirt ann an cuairt anns an robh cothrom air tadhal air Ionadan airson Cànain ann an Cunnart (Centres for Endangered Languages) aig Oilthigh Jadavpur, Kolkata, agus Visva-Bharati, Santiniketan. Tha cunntas slàn ri fhaighinn, le ceanglaichean ri taisbeanaidhean, san aithisg seo aig Soillse.
San dàrna bhliadhna, tha cuideam ga chur air rannsachadh le dòighean ùra chlàraidh agus làraich-lìn cuideachail, a bharrachd air leasachadh air clàr-ghnothaich airson rannsachadh air an àrainneachd sòisealta airson cànain ann an cunnart.
Tha Mediating Multilingualism a’ faighinn taic bhon Global Challenges Research Fund.
Tha am bhidio seo ag aithris air an Fhèis Eadar-nàiseanta airson Cànain Tùsanach ann an Cunnart, a chaidh a chumail aig North-Eastern Hill University (NEHU), Shillong, ann an 2019 – Bliadhna Eadar-nàiseanta nan Cànan Tùsanach. ‘S e film ioma-chànanach a th’ ann, air a thaisbeanadh sa Ghàidhlig agus le fo-thiotalan sa Bheurla. Mairidh am film fhèin nas lugha na 12 mionaidean, le ro-ràdh goirid (2.5 mionaidean). Tha e air a leantail le deasbad (6 mionaidean) agus crìoch-sgeòil fìor ghoirid as dèidh sin.