Month: June 2020
Rannsachadh ùr ga chur air bhog: 02/07/20
June 30, 2020
Thèid leabhar ùr a chur air bhog le luchd-rannsachaidh à Institiud Rannsachaidh Cànain Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Soillse (com-pàirteachas rannsachaidh iomadh-bhuidhneil) air Diardaoin an 2na là den Iuchar 2020.
’S e ‘The Gaelic Crisis in the Vernacular Community: A comprehensive sociolinguistic survey of Scottish Gaelic’ an suirbhidh sòisealta as coileanta air suidheachadh na Gàidhlig sna coimhearsnachdan dùthchasach a chaidh a dhèanamh a-riamh. Tha an leabhar a’ taisbeanadh rannsachadh ùr sòiseo-chànanach air coimhearsnachdan Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar, ann an Stafainn san Eilean Sgitheanach agus ann an Tiriodh.
A bharrachd air mion-sgrùdadh air cleachdadh agus toirt seachad Gàidhlig na h-Alba mar chànan coimhearsnachd, tha an leabhar a’ foillseachadh dàta co-aimsireil air suidheachadh an luchd-bruidhne agus cleachdadh a’ chànain anns na coimhearsnachdan dùthchasach mu dheireadh a tha air fhàgail ann an Alba.

Thug Àrd-Ollamh Rannsachaidh na Gàidhlig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, Conchúr Ó Giollagáin, mìneachadh seachad air adhbhar an leabhair: “Tha e cudromach gu bheil sinn soilleir mu na dùbhlain mhòra a tha an lùib Gàidhlig a thoirt air ais sna sgìrean sin far a bheil crìonadh leantainneach a’ tachairt.”
Tha an leabhar ‘The Gaelic Crisis in the Vernacular Community: A Comprehensive Sociolinguistic Survey of Scottish Gaelic’, ri fhaighinn bho Comhairle nan Leabhraichean.
Ro-òrdaich: The Gaelic Crisis in the Vernacular Community
June 12, 2020
Faodar an leabhar seo ro-òrdachadh a-nis aig Comhairle nan Leabhraichean:
https://gaelicbooks.org/index.php?route=product/product&product_id=1688&search=gaelic+crisis
Tha an leabhar seo a’ toirt seachad nan toraidhean a thàinig a-mach às an sgrùdadh sòiseo-chànanach farsaing a chaidh a dhèanamh le Pròiseact Rannsachaidh Gàidhlig nan Eilean. Chaidh an rannsachadh a dhèanamh air cleachdadh sòisealta na Gàidhlig agus fèin-aithne Ghàidhealach anns na coimhearsnachdan mu dheireadh anns a bheil a’ Ghàidhlig a’ mairsinn gu dùthchasach – na h-Eileanan an Iar, ann an Stafainn anns an Eilean Sgitheanach, agus ann an Tiriodh. Tha modalan an t-suirbhidh stèidhte air: toraidhean a’ chunntais-shluaigh; cleachdadh a’ chànain aig aois ro-sgoile; dàta nan deugairean; trì coimhearsnachdan riochdachail; seòrsachadh luchd-labhairt, a’ toirt seachad fiosrachadh càileachdail is àireamhail air togail agus cleachdadh na Gàidhlig aig ìre na coimhearsnachd, an teaghlaich, na sgoile, agus gu pearsanta.