Month: July 2020
“The Gaelic Crisis” air fhoillseachadh
July 2, 2020
Chaidh toraidhean a’ phròiseict rannsachaidh aig Soille air Gàidhlig sna h-Eileanan fhoillseachadh mar leabhar.
Tha an leabhar ‘The Gaelic Crisis in the Vernacular Community: A Comprehensive Sociolinguistic Survey of Scottish Gaelic’, ri fhaighinn bho Chomhairle nan Leabhraichean.
Bho bhith a’ sgrùdadh an rannsachaidh, tha prìomh thoraidhean nan ùghdaran a’ sealltainn gu bheil an cànan ann an staing, agus gu bheil cleachdadh sòisealta agus toirt seachad a’ chànain an ìmpis briseadh sìos anns na coimhearsnachdan dùthchasach mu dheireadh.
Tha na h-ùghdaran a’ moladh slighe ùr radaigeach gus Gàidhlig dhùthchasach sna h-eileanan ath-bheòthachadh, cho math ri modh-obrach agus ro-innleachd ùr a chur an sàs. Tha iad a’ dèanamh argamaid gum bu chòir modail smiorail a bhith ann, stèidhichte air Urras Leasachaidh Coimhearsnachd airson luchd a’ chànain agus fo stiùir dhìreach na coimhearsnachd.
Tha an sgioba sgrìobhaidh (Conchúr Ó Giollagáin, Gòrdan Camshron, Pàdruig Moireach, Brian Ó Curnáin, Iain Caimbeul, Brian MacDonald agus Tamás Péterváry) air geàrr-iris rannsachaidh a sgrìobhadh cuideachd far am faighear na toraidhean agus molaidhean as cudromaiche. Tha seo ri fhaighinn an seo mar PDF air-loidhne.
Tha dàta staitistigeil a bharrachd nach deach a chur san leabhar cuideachd ri fhaighinn air-loidhne air na duilleagan seo aig an Institiud Rannsachaidh Cànain aig Oilthigh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean.
Gheibhear geàrr-chunntas fìor ghoirid (3-duilleagan) air-loidhne an seo.