Month: October 2020
“Living off the edge”: taisbeanadh air-loidhne
October 30, 2020
Bha taisbeanadh air-loidhne aig an àrd-ollamh Conchúr Ó Giollagáin airson an t-sreath de sheiminearan aig “The Edge” ann an OGE air Diardaoin 29mh, An Dàmhair, air an robh an tiotal “Living off the edge: The crisis in late modern ethnolinguistic diversity from the Gaelic perspective”. Bha e a’ togail air no toraidhean a thàinig a-mach às an leabhar ùr “The Gaelic Crisis in the Vernacular Community“.
Tha e ri fhaicinn a-nis air YouTube:
Neach-rannsachaidh air Aithneachadh Cainnt
October 5, 2020
Tha Lucy Evans air ùr tòiseachadh mar neach-rannsachaidh aig Oilthigh Dhùn Èideann, ag obair air pròiseact Shoillse air aithneachadh cainnt a tha air a stiùireadh leis an Dr Uilleam Lamb. Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Quorate Technology Ltd cuideachd an sàs sa chom-pàirteachas. Seo agallamh a rinn Lucy airson GARG – (Gaelic Algorithmic Research Group).