Month: March 2021
Tuigse ùr
March 22, 2021
Chaidh bùth-obrach air-loidhne a chumail le Soillse air “New Insights on the Vernacular Gaelic Communities in the Islands” airson buill agus com-pàirtichean air 04/03/21, air a stiùireadh leis an Àrd-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin. Bha riochdachadh ann bho oilthighean san lìonradh, cuide ri sgoilearan eile bho thaobh a-muigh Alba fhèin. A bharrachd orra sin, bha daoine às na coimhearsnachdan sna h-eileanan an làthair cuideachd.
Chaidh an taisbeanadh aig an Àrd-ollamh Ó Giollagáin a chlàradh, agus faodar fhaicinn a-nis le duine sam bith:
Cha deach an deasbad an dèidh an taisbeanadh a chlàradh, gus nach biodh bacadh sam bith ga fhaireachdainn air beachdan is molaidhean a thabhann, agus chaidh ceistean agus puingean gu leòr a thogail, an dà chuid aig na h-acadaimigich agus aig muinntir nan sgìrean fhèin. Ach, as dèidh làimh, rinn buill “Guth nan Siarach” an clàradh fhèin air na beachdan a bh’ aca air an rannsachadh a chaidh a thaisbeanadh. ‘S e buidheann ùr a tha seo, a chaidh a stèidheachadh an dèidh foillseachadh an “Gaelic Crisis”, agus tha iad an dùil ri làrach-lin a thòiseachadh an ceartuair. San eadarama seo na beachdan gu lèir aca air an clàradh, agus rim faighinn air làrach Guthan nan Eilean.
Cuideachd, airson blasad beag fhàighinn dhen deasbaid aca, seo bhidio goirid a chaidh a sgaoileadh air na meadhannan sòisealta.
Tachartas air Latha Eadar-nàiseanta nan Cànan Màthaireil air a chlàradh
March 3, 2021
Chaidh Latha Eadar-nàiseanta nan Cànan Màthaireil a chomharrachadh air feadh an t-saoghail air 21/02/21. Am measg iomadh tachartas air-loidhne, chùm an Taigh-tasgaidh Digiteach sreath de sheiseanan le fòcas a’ gluasad bho Àisia a Deas gu Aimeireaga a Tuath.
Chaidh iomradh sònraichte a chur air Gàidhlig ann an Seisean 3, ri taobh Jamaican. Thug Stiùiriche Shoillse, Conchúr Ó Giollagáin, òraid ghoirid seachad (aig 00.12.50) air an leabhar, “Gaelic Crisis“. As dèidh sin bha measgachadh ann de chòmhradh, òran is bàrdachd, le tuilleadh air a’ Ghàidhlig le Gordon Wells (00.31.50) agus Meg Hyland (01.09.50), cuide ri Audrey West (00.50.45) agus Yvonne Blake (01.35.35) a’ bruidhinn air Jamaican. Chaidh an tachartas gu lèir a chlàradh, agus faodar èisteachd ris tron cheangal seo: https://tinyurl.com/HebrideanCaribbean