Bùth-obrach air Urras na Gàidhlig

April 29, 2021

 

Chaidh bùth-obrach eile a chumail air-loidhne air a’ mholadh a tha a’ nochdadh san leabhar air Staing na Gàidhlig airson “Urras na Gàidhlig” a stèidheachadh. Bhruidhinn Iain Caimbeul aig an Institiud Rannsachaidh Cànain aig Oilthigh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean air a’ chuspair “Building Resilience in Gaelic-speaking Communities: Governance, Agency, Participation“.

Tha an taisbeanadh air a sgrìobhadh a-mach ann am Beurla, ach ‘s e Gàidhlig a chleachd Iain airson a mhìneachadh, agus ‘s e Gàidhlig a chleachd na daoine a bha an làthair airson ceistean agus molaidhean a thogail san deasbad a thàinig as dèidh an taisbeanadh, le muinntir nan eilean ann às an Eilean Sgitheanach, Leòdhas, Uibhist, agus Barraigh, a bharrachd air riochdairean bho na h-oilthighean ann an Soillse.

Seo an taisbeanadh mar PDF.

Aithisg dheireannach air pròiseact ASR

April 16, 2021

Seo an aithisg dheireannach air a’ phròiseact air aithneachadh cainnt air a mhaoineachadh le Soillse. Mar a chithear, ged a tha maoineachadh Shoillse air tighinn gu crìoch, tha an obair leasachaidh fhathast a’ dol, agus tha an sgioba a’ fàs.

Reic an Earraich

April 1, 2021

Aig dìreach £15, gheibhear an leabhar cudromach seo aig prìs 40% nas ìsle na an àbhaist fad mìos a’ Ghiblein.

Aig Comhairle nan Leabhraichean an seo:

https://gaelicbooks.org/index.php?route=product/product&product_id=1688&search=gaelic+crisis