Month: July 2022
Co-labhairt sa Choimhearsnachd
July 11, 2022
Co-labhairt saor an asgaidh do dh’Eileanaich
Tha sinn a’ tabhann àitichean saor an asgaidh sa cho-labhairt seo do dhaoine a tha a’ fuireach sna h-eileanan a chaidh a chur fon phrosbaig sa phròiseact rannsachaidh air Staing na Gàidhlig. Aig an aon àm, iarraidh sinn air eileanaich a bhith gan clàradh fhèin air làrach-lìn na co-labhairt, gus an tèid againn air planaichean cheart a chur air dòigh airson aoigheachd aig an tachartas. Leanaibh www.tinyurl.com/rootedlanguagepolicy gu Tickets, agus an uair sin chun taghadh airson bursairidh airson na co-labhairt.
Frithealadh aig astar
Cuiridh sgioba Shoillse modhan lìbhrigidh air dòigh dhaibhsan a tha airson a’ cho-labhairt a fhrithealadh aig astar.
Taic-airgid airson siubhal
Cuiridh Soillse taic air dòigh do dh’eileanaich taobh-a-muigh Leòdhais a tha airson a’ cho-labhairt a fhrithealadh ann an Steòrnabhagh. Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn seo aig eagraiche na co-labhairt: conference2022@soillse.ac.uk
Prògram na Co-labhairt
July 5, 2022
Chaidh prògam na co-labhairt air a bheil “A’ Cur Phoileasaidhean Mion-chànain an Sàs ann an Coimhearsnachdan Ionadail” fhoillseachadh. Thèid a’ cho-labhairt a chumail ann an Steòrnabhagh 29-31/08/22 (tuilleadh fiosrachaidh an seo: http://tinyurl.com/rootedlanguagepolicy).
Faodar am prògram, air ùrachadh air 24/08/22, fhaicinn an seo:
Agus faodar geàrr-chunntasan nan taisbeanaidhean fhaicinn an seo:
http://www.soillse.ac.uk/wp-content/uploads/Gearr-chunntasan_Abstracts_Soillse_version_110822.pdf