Pròiseactan sa Choimhearsnachd

August 2, 2022

Thèid pròiseactan le ceangal dlùth ris a’ choimhearsnachd a thaisbeanadh aig a’ cho-labhairt ann an Steòrnabhagh aig deireadh a’ mhìos. Bidh sreathan de bhidiothan ann an Gàidhlig no mu dheidhinn na Gàidhlig rim faicinn ann am playlists a chaidh a chur ri chèile air làrach-lìn Guthan nan Eilean, a’ gabhail a-staigh “Stòras Beò nan Gàidheal”, “Saoghal Thormoid”, “Island Voices Series 1&2”, agus “International MOOT”.

Chan eil taisbeanadh sònraichte ann air clàr-ama na co-labhairt airson an deasbad, ach bidh iad a’ ruith gun stad aig amannan saora tron latha, gus cothrom a thoirt do dhuine sam bith sùil a thoirt orra agus ceistean a thogail mun deidhinn.

Agus faodar na playlists fhaicinn aig astar cuideachd, leis gu bheil ceanglaichean beò air a’ bhileag PDF seo, far am faighear fiosrachadh a bharrachd mun cheangal eadar Soillse agus Guthan nan Eilean, agus obair rannsachaidh eile a tha a’ dol ann an compàirteachas le oilthighean eile ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta.

Tha feadhainn dhe na pròiseactan a tha air an taisbeanadh an seo fhathast a’ dol, le bhidiothan ùra gan cur riutha fad na h-ùine. ’S ann an-dè fhèin a chaidh “Cuairt Chuil Uaraich”, le Comann Eachdraidh Sgìre a’ Bhac, a chur ri Stòras Beò nan Gàidheal, as dèidh dhuinn fo-thiotalan CC a chur air a’ bhidio.