August 16, 2012
Tha dà aithisg rannsachaidh a fhuair taic bhon Stòras Rannsachaidh aig Soillse a-nist air a foillseachadh.
(1) Rinn an t-Oll Mark McConville agus caraidean aig Oilthigh Ghlaschu rannsachadh air a bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig na meadhanan-sòisealta air leasachadh mion-chànanan. Tha an aithisg slàn an seo.
(2) Rinn an t-Oll Fiona O’ Hanlon agus caraidean aig Oilthigh Dhùn Èideann rannsachadh air na pàtranan cleachdadh cànain Gàidhlig agus Beurla ann an solarachadh foghlam meadhain-Ghàidhlig aig ìre ro-sgoile, bun-sgoile agus àrd-sgoile ann an Alba. Tha an aithisg slàn an seo.