Aithris na Co-labhairt

An t-Sultain 6, 2022

Co-labhairt Shoillse 2022: A’ Cur Phoileasaidhean Mion-chànain an Sàs ann an Coimhearsnachdan Ionadail

Aithris na Co-labhairt

Tha co-labhairt Shoillse, a chaidh a chumail ann an Steòrnabhagh eadar 29-31 Lùnastal 2022, a’ comhairleachadh do Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Ùghdarrasan Ionadail, buidhnean leasachaidh agus, gu cudromach, daoine is teaghlaichean a bhitheas a’ bruidhinn agus ag ionnsachadh na Gàidhlig a thighinn còmhla ann an spiorad co-obrachaidh agus àth-bheothachaidh. Bidh spiorad co-obrachadh in-ghabhalach ùr ro-riatanach airson aghaidh a chur ris na dùbhlain shòisealta agus dheamagrafach a tha ann airson a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh is a thaiceadh mar chànan beò anns na coimhearsnachdan dùthchasach againn, gu sònraichte na coimhearsnachdan Gàidhlig eileanach, far an robh i, gu bho chionn glè ghoirid, na cànan làitheil.

Tha sinne ag iarraidh orrasan aig a bheil cumhachd co-dhùnaidhean a dhèanamh ann an Riaghaltas na h-Alba, Ùghdarrasan Ionadail, buidhnean leasachaidh agus institiudan acadaimigeach na leanas a dhèanamh:

1. Frèam-obrach airson co-dhùnaidhean poileasaidh na Gàidhlig agus prìomhachasan ath-bheothachaidh a stèidheachadh air an fhianais as fheàrr a tha ri fhaighinn.

2. Aithnich tro structairean taice practaigeach agus iomchaidh gu bheil feumalachdan sònraichte aig gach coimhearsnachd de luchd-labhairt agus aig gach lìonraidh de luchd-ionnsachaidh air feadh na h-Alba.

3. Misneachd agus ceannardas a dhearbhadh le bhith ag obair còmhla ann an com-pàirteachas adhartach airson coimhearsnachdan Gàidhlig a dhìon agus a leasachadh.

4. Maoineachadh agus goireasan freagarrach a chur an seilbh is a thoirt seachad, ann an dòigh chothromach agus èifeachdach, a chuireas ri taic èifeachdach do choimhearsnachdan Gàidhlig eileanach airson leasachadh Gàidhlig agus sòiseo-cultarach seasmhach a thoirt seachad.

5. Am prìomh ròl a tha aig an teaghlach agus a’ choimhearsnachd mar bhun-stèidh shòiseo-cultarach agus cànanach aithneachadh agus a chleachdadh airson a’ Ghàidhlig a ghleidheadh agus ath-bheothachadh.

6. Leasachadh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan eileanach a chur am broinn dòigh-obrach choileanta a ghabhas a-steach an comann-sòisealta air fad, ag aithneachadh cho fìor chudromach is a tha suidheachaidhean taiceil sòiseo-eaconamach agus sòiseo-cultarach, nam measg na h-ealain Ghàidhlig agus dualchas, mar ro-riatanasan airson brosnachadh agus dìon na Gàidhlig so-chreidsinn mar bhun-stèidh airson àm ri teachd a bhitheas seasmhach dhan Ghàidhlig anns na coimhearsnachdan eileanach againn a chruthachadh.

7. Structair taice leasachaidh na Gàidhlig ath-leasachadh agus a ghoireasachadh gu roinneil, agus na riatanasan leasachaidh diofraichte a tha aig coimhearsnachdan de luchd-labhairt is lìonraidhean de luchd-ionnsachaidh eadar-dhealaichte aithneachadh airson co-obrachadh agus co-dhùnaidhean coileantach airson gach neach aig a bheil a’ Ghàidhlig a thoirt air adhart.

8. Ath-leasachadh is neartachadh a dhèanamh air ròl leasachaidh na Gàidhlig a bhitheas aig OGE mar a’ phrìomh institiud teagaisg, ionnsachaidh agus leasachaidh airson com-pàirteachas fada nas beothaile le coimhearsnachdan Gàidhlig agus le com-pàirtichean leasachaidh a stèidheachadh; bu chòir gum bi seo a’ gabhail a-steach frèam-obrach

poileasaidh stèidhichte air fianais agus modh-obrach a tha a’ dol an sàs ris a’ phoball, stèidhichte air clàr rannsachaidh for-ghnìomhach, a chuireas aghaidh ri dùbhlain shòiseo-eaconamach agus cultarach ro-chudromach.

Co-theacsa

Tha coimhearsnachdan dùthchasach Gàidhlig ann an staing shòisealta agus dheamagrafach, agus ma chumas cùisean a’ dol mar a tha iad an-dràsta, cha bhi na coimhearsnachdan sin idir seasmhach. Cho math ri dìth-soirbheis ann am frèam-obrach poileasaidh na Gàidhlig a tha ann, a bhitheas a’ brosnachadh a’ chànain gun a bhith a’ dìon a’ chànain, chan eil e comasach, do na structairean-taice leasachaidh sòiseo-eaconamach a tha ann an-dràsta airson nan eilean, aghaidh a chur ris na diofar dhùbhlain shòisealta a tha ann.