Soillse air tighinn gu crìoch

An t-Ògmhios 1, 2023

Tha buill an lìonraidh air aontachadh pròiseact Shoillse a thoirt gu crìoch, agus chaidh stad a chur air an obair gu foirmeil aig deireadh a’ Mhàirt am bliadhna. Mairidh làrach-lìn Shoillse beò fad treiseag fhathast ach cha tèid postaichean ùra a chur ris bho seo a-mach. Chaidh stuthan a chaidh a chruinneachadh tron phròiseact a chur ann an stòras air-loidhne fosgailte, a bhios ri fhaicinn air duilleagan an Institiud Rannsachaidh Cànain aig Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, a leanas air le dìleab chudromach Shoillse ann an com-pàirteachas le oilthighean eile agus le buidhnean agus luchd-ùidh sa choimhearsnachd.

Clàr na Co-labhairt Air-loidhne

An t-Samhain 16, 2022

Chaidh clàr air-loidhne a chruthachadh air a’ cho-labhairt aig Soillse san Lùnastal air “A’ Cur Phoileasaidhean Mion-chànain an Sàs ann an Coimhearsnachdan Ionadail”. Tha an docamaid seo a’ toirt ri chèile ceanglaichean ri bhidiothan de chuid mhath dhe na h-òraidean, cuide ri tionndaidhean PDF dhe na taisbeanaidhean no teacsaichean, a bharrachd air ceanglaichean a bharrachd ri bhidiothan eile a chaidh a shealltainn fhad ’s a bha a’ cho-labhairt a’ ruith.

Gheibhear Clàr na Co-labhairt an seo:

http://www.soillse.ac.uk/wp-content/uploads/Soillse-2022-Record.pdf

Aithris na Co-labhairt

An t-Sultain 6, 2022

Co-labhairt Shoillse 2022: A’ Cur Phoileasaidhean Mion-chànain an Sàs ann an Coimhearsnachdan Ionadail

Aithris na Co-labhairt

Tha co-labhairt Shoillse, a chaidh a chumail ann an Steòrnabhagh eadar 29-31 Lùnastal 2022, a’ comhairleachadh do Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Ùghdarrasan Ionadail, buidhnean leasachaidh agus, gu cudromach, daoine is teaghlaichean a bhitheas a’ bruidhinn agus ag ionnsachadh na Gàidhlig a thighinn còmhla ann an spiorad co-obrachaidh agus àth-bheothachaidh. Bidh spiorad co-obrachadh in-ghabhalach ùr ro-riatanach airson aghaidh a chur ris na dùbhlain shòisealta agus dheamagrafach a tha ann airson a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh is a thaiceadh mar chànan beò anns na coimhearsnachdan dùthchasach againn, gu sònraichte na coimhearsnachdan Gàidhlig eileanach, far an robh i, gu bho chionn glè ghoirid, na cànan làitheil.

Tha sinne ag iarraidh orrasan aig a bheil cumhachd co-dhùnaidhean a dhèanamh ann an Riaghaltas na h-Alba, Ùghdarrasan Ionadail, buidhnean leasachaidh agus institiudan acadaimigeach na leanas a dhèanamh:

1. Frèam-obrach airson co-dhùnaidhean poileasaidh na Gàidhlig agus prìomhachasan ath-bheothachaidh a stèidheachadh air an fhianais as fheàrr a tha ri fhaighinn.

2. Aithnich tro structairean taice practaigeach agus iomchaidh gu bheil feumalachdan sònraichte aig gach coimhearsnachd de luchd-labhairt agus aig gach lìonraidh de luchd-ionnsachaidh air feadh na h-Alba.

3. Misneachd agus ceannardas a dhearbhadh le bhith ag obair còmhla ann an com-pàirteachas adhartach airson coimhearsnachdan Gàidhlig a dhìon agus a leasachadh.

4. Maoineachadh agus goireasan freagarrach a chur an seilbh is a thoirt seachad, ann an dòigh chothromach agus èifeachdach, a chuireas ri taic èifeachdach do choimhearsnachdan Gàidhlig eileanach airson leasachadh Gàidhlig agus sòiseo-cultarach seasmhach a thoirt seachad.

5. Am prìomh ròl a tha aig an teaghlach agus a’ choimhearsnachd mar bhun-stèidh shòiseo-cultarach agus cànanach aithneachadh agus a chleachdadh airson a’ Ghàidhlig a ghleidheadh agus ath-bheothachadh.

6. Leasachadh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan eileanach a chur am broinn dòigh-obrach choileanta a ghabhas a-steach an comann-sòisealta air fad, ag aithneachadh cho fìor chudromach is a tha suidheachaidhean taiceil sòiseo-eaconamach agus sòiseo-cultarach, nam measg na h-ealain Ghàidhlig agus dualchas, mar ro-riatanasan airson brosnachadh agus dìon na Gàidhlig so-chreidsinn mar bhun-stèidh airson àm ri teachd a bhitheas seasmhach dhan Ghàidhlig anns na coimhearsnachdan eileanach againn a chruthachadh.

7. Structair taice leasachaidh na Gàidhlig ath-leasachadh agus a ghoireasachadh gu roinneil, agus na riatanasan leasachaidh diofraichte a tha aig coimhearsnachdan de luchd-labhairt is lìonraidhean de luchd-ionnsachaidh eadar-dhealaichte aithneachadh airson co-obrachadh agus co-dhùnaidhean coileantach airson gach neach aig a bheil a’ Ghàidhlig a thoirt air adhart.

8. Ath-leasachadh is neartachadh a dhèanamh air ròl leasachaidh na Gàidhlig a bhitheas aig OGE mar a’ phrìomh institiud teagaisg, ionnsachaidh agus leasachaidh airson com-pàirteachas fada nas beothaile le coimhearsnachdan Gàidhlig agus le com-pàirtichean leasachaidh a stèidheachadh; bu chòir gum bi seo a’ gabhail a-steach frèam-obrach

poileasaidh stèidhichte air fianais agus modh-obrach a tha a’ dol an sàs ris a’ phoball, stèidhichte air clàr rannsachaidh for-ghnìomhach, a chuireas aghaidh ri dùbhlain shòiseo-eaconamach agus cultarach ro-chudromach.

Co-theacsa

Tha coimhearsnachdan dùthchasach Gàidhlig ann an staing shòisealta agus dheamagrafach, agus ma chumas cùisean a’ dol mar a tha iad an-dràsta, cha bhi na coimhearsnachdan sin idir seasmhach. Cho math ri dìth-soirbheis ann am frèam-obrach poileasaidh na Gàidhlig a tha ann, a bhitheas a’ brosnachadh a’ chànain gun a bhith a’ dìon a’ chànain, chan eil e comasach, do na structairean-taice leasachaidh sòiseo-eaconamach a tha ann an-dràsta airson nan eilean, aghaidh a chur ris na diofar dhùbhlain shòisealta a tha ann.

Pròiseactan sa Choimhearsnachd

An Lùnastal 2, 2022

Thèid pròiseactan le ceangal dlùth ris a’ choimhearsnachd a thaisbeanadh aig a’ cho-labhairt ann an Steòrnabhagh aig deireadh a’ mhìos. Bidh sreathan de bhidiothan ann an Gàidhlig no mu dheidhinn na Gàidhlig rim faicinn ann am playlists a chaidh a chur ri chèile air làrach-lìn Guthan nan Eilean, a’ gabhail a-staigh “Stòras Beò nan Gàidheal”, “Saoghal Thormoid”, “Island Voices Series 1&2”, agus “International MOOT”.

Chan eil taisbeanadh sònraichte ann air clàr-ama na co-labhairt airson an deasbad, ach bidh iad a’ ruith gun stad aig amannan saora tron latha, gus cothrom a thoirt do dhuine sam bith sùil a thoirt orra agus ceistean a thogail mun deidhinn.

Agus faodar na playlists fhaicinn aig astar cuideachd, leis gu bheil ceanglaichean beò air a’ bhileag PDF seo, far am faighear fiosrachadh a bharrachd mun cheangal eadar Soillse agus Guthan nan Eilean, agus obair rannsachaidh eile a tha a’ dol ann an compàirteachas le oilthighean eile ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta.

Tha feadhainn dhe na pròiseactan a tha air an taisbeanadh an seo fhathast a’ dol, le bhidiothan ùra gan cur riutha fad na h-ùine. ’S ann an-dè fhèin a chaidh “Cuairt Chuil Uaraich”, le Comann Eachdraidh Sgìre a’ Bhac, a chur ri Stòras Beò nan Gàidheal, as dèidh dhuinn fo-thiotalan CC a chur air a’ bhidio.

Co-labhairt sa Choimhearsnachd

An t-Iuchar 11, 2022

Co-labhairt saor an asgaidh do dh’Eileanaich 

Tha sinn a’ tabhann àitichean saor an asgaidh sa cho-labhairt seo do dhaoine a tha a’ fuireach sna h-eileanan a chaidh a chur fon phrosbaig sa phròiseact rannsachaidh air Staing na Gàidhlig. Aig an aon àm, iarraidh sinn air eileanaich a bhith gan clàradh fhèin air làrach-lìn na co-labhairt, gus an tèid againn air planaichean cheart a chur air dòigh airson aoigheachd aig an tachartas. Leanaibh www.tinyurl.com/rootedlanguagepolicy gu Tickets, agus an uair sin chun taghadh airson bursairidh airson na co-labhairt.

Frithealadh aig astar 

Cuiridh sgioba Shoillse modhan lìbhrigidh air dòigh dhaibhsan a tha airson a’ cho-labhairt a fhrithealadh aig astar.

Taic-airgid airson siubhal 

Cuiridh Soillse taic air dòigh do dh’eileanaich taobh-a-muigh Leòdhais a tha airson a’ cho-labhairt a fhrithealadh ann an Steòrnabhagh. Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn seo aig eagraiche na co-labhairt: conference2022@soillse.ac.uk

Prògram na Co-labhairt

An t-Iuchar 5, 2022

Chaidh prògam na co-labhairt air a bheil “A’ Cur Phoileasaidhean Mion-chànain an Sàs ann an Coimhearsnachdan Ionadail” fhoillseachadh. Thèid a’ cho-labhairt a chumail ann an Steòrnabhagh 29-31/08/22 (tuilleadh fiosrachaidh an seo:  http://tinyurl.com/rootedlanguagepolicy).
 
Faodar am prògram, air ùrachadh air 24/08/22, fhaicinn an seo: 

http://www.soillse.ac.uk/wp-content/uploads/Soillse-Conference-Draft-Programme-2022-Final-version.pdf

Agus faodar geàrr-chunntasan nan taisbeanaidhean fhaicinn an seo:

http://www.soillse.ac.uk/wp-content/uploads/Gearr-chunntasan_Abstracts_Soillse_version_110822.pdf

 
 
 
 
 
 

Co-labhairt: A’ Cur Phoileasaidhean Mion-chànain an Sàs ann an Coimhearsnachdan Ionadail

An t-Ògmhios 30, 2022

Co-labhairt Eadar-nàiseanta, 29–31 Lùnastal 2022, Caladh Inn, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, Alba

Tha Soillse air leth toilichte gun tèid co-labhairt eadar-nàiseanta air a bheil ‘A’ Cur Phoileasaidhean Mion-chànain an Sàs ann an Coimhearsnachdan Ionadail’ a chumail eadar 29–31 Lùnastal anns a’ Chaladh Inn, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, Alba.

Tha a’ cho-labhairt seo air a cur air dòigh fo sgèith agus le taic bho Shoillse, Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Am measg an luchd-bruidne a bhios an làthair tha: François Grin (Oilthigh Geneva), Pàdruig Moireasdan (Iomairtiche na Gàidhlig), Jane NicLeòid (Iomairtiche na Gàidhlig), Agnes Rennie (Urras Oighreachd Ghabhsainn), Ùisdean Robasdan (Comhairle nan Eilean Siar) agus Lowri Cunnington Wynn (Oilthigh Aberystwyth).

Tha clàradh fhathast fosgailte agus gheibhear tuilleadh fiosrachaidh aig an t-seòladh seo: [https://www.eventbrite.com/e/rooting-minority-language-policy-in-the-speaker-community-tickets-266759784697]. Thèid clàr-ama na co-labhairte fhoillseachadh san aithghearrachd.

Airson tuilleadh fiosrachaidh [http://tinyurl.com/rootedlanguagepolicy] air neo cuiribh fios thugainn: conference2022@soillse.ac.uk.

Taisbeanadh do Chomann Eachdraidh Uibhist a Tuath

An t-Ògmhios 27, 2022

Chaidh taisbeanadh a thoirt seachad do Chomann Eachdraidh Uibhist a Tuath le Iain Caimbeul agus Conchúr Ó Giollagáin air Staing na Gàidhlig mar phàirt dhen phròiseact “Aire Air Sunnd” sa bheil CEUT an sàs an-dràsta. Chaidh seo a leantail le deasbad beòthail le buill a’ Chomainn. Faodar an taisbeanadh fhaicinn an seo:

Agus seo PDF dheth.

Chaidh an taisbeanadh a lìbhrigeadh mar a’ chiad phàirt ann an sreath de bhuithtean obrach air-loidhne co-cheangailte le gnothaichean Gàidhlig gu sònraichte ann an com-pàirteachas le Guthan nan Eilean.

Seiminear air ASR ann an Gàidhlig

An Cèitean 5, 2022

Chùm Soillse seiminear air-loidhne air “Progress Towards Accurate Automatic Speech Recognition” air 27/04/22, air a lìbhrigeadh le Dr Will Lamb, Àrd-òraidiche aig Oilthigh Dhùn Èideann. Bha luchd-frithealaidh an làthair le ùidh aca ann am Bascais, Friulais, agus Maltais, a bharrachd air daoine às na coimhearsnachdan Gàidhealach.

Chaidh an taisbeanadh aig Dr Lamb a chlàradh. Faodar fhaicinn an seo le ro-ràdh goirid le Stiùiriche Shoillse, an t-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin.

Faodar PDF dhen taisbeanaidh a leughadh an seo, le ceanglaichean air an cur ann ri goireasan agus làraich eile air-loidhne.

Co-labhairt: A’ Cur Phoileasaidhean Mion-Chànain an Sàs ann an Coimhearsnachdan Ionadail

An Gearran 21, 2022

Co-labhairt Eadar-nàiseanta, 29–31 Lùnastal 2022,

Caladh Inn, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, Alba

Gairm Phàipearan

Tha Soillse fìor thoilichte a ràdh gum bi co-labhairt eadar-nàiseanta air a bheil ‘A’ Cur Phoileasaidhean Mion-chànain an Sàs ann an Coimhearsnachdan Ionadail’ gu bhith ann eadar 29–31 Lùnastal anns a’ Chaladh Inn, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, Alba.

Tha a’ cho-labhairt seo air a cur air dòigh fo sgèith agus le taic bho Shoillse, Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha an luchd-labhairt a leanas gu bhith an làthair: François Grin (Oilthigh Geneva), Pàdruig Moireasdan (Iomairtiche na Gàidhlig), Jane NicLeòid (Iomairtiche na Gàidhlig), Agnes Rennie (Urras Oighreachd Ghabhsainn) agus Lowri Cunnington Wynn (Oilthigh Aberystwyth).

Thèid gabhail ri taisbeanaidhean eadar 250 agus 300 facal (gun a bhith a’ toirt a-staigh tùsan) anns a’ Bheurla no anns a’ Ghàidhlig le eachdraidh-beatha ghoirid (gun a bhith nas fhaide na 150 facal), agus anns a bheil iomradh mu bhuntanas, mar a chithear iomchaidh, agus anns a bheil taghadh am bi sibh an làthair ann an Steòrnabhagh no air-loidhne. Tha ceann-latha 20 Cèitean 2022 airson geàrr-chunntasan a chur a-staigh. Bhitheamaid fada nur comain nan cuireadh sibh ur geàrr-chunntas no ceistean thugainn aig conference2022@soillse.ac.uk cho fada ’s a bhios iad a’ freagairt ri tèama na co-labhairt. Tha bursaraidhean rim faotainn airson oileanaich agus luchd-rannsachaidh. Bu chòir do thaisbeanaidhean a bhith 20 mionaid a dh’fhaid gus am bi 10 mionaidean ann airson cèistean agus deasbad.

Thathar an dòchas gun tèid a’ cho-labhairt air adhart san dòigh àbhaisteach ach, mura tèid, tha planaichean eile againn gus an tèid a cur air dòigh mar cho-labhairt mheasgaichte le taisbeanaidhean ri fhaotainn air-loidhne, agus luchd-labhairt agus luchd-èisteachd ann an Steòrnabhagh (ma bhios sin comasach agus a’ dol leis na riaghailtean a dh’fhaodadh a bhith ann aig an àm ud) cho math ris an fheadhainn air-loidhne. Cosgaidh a’ cho-labhairt £50 gach neach, ged a bhithear an làthair san taigh-òsta no air-loidhne (ach chan urrainear cosgais an lùib siubhal no àite-fuirich a phàigheadh air ais idir ma thèid a’ cho-labhairt air adhart mar bu mhiann leinn), agus tha sin a’ toirt a-staigh suipear na co-labhairte dhan fheadhainn a bhios ga h-iarraidh. Thèid barrachd fiosrachaidh mu chlàradh is eile a sgaoileadh a dh’aithghearr.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios thugainn: conference2022@soillse.ac.uk.

Gus Gairm Phàipearan a thoirt a-nuas na riochd PDF: http://www.soillse.ac.uk/wp-content/uploads/GaP-2022-Soillse-Co-labhairt.pdf

Clàradh airson na co-labhairt: Eventbrite.com

“Talking Points” le Tormod

Am Faoilleach 18, 2022

Sreath de dheasbadan air an clàradh air Cànanan ann an Cunnart, Cànanan air an Rangachadh, agus Cànanan Taobh ri Taobh.

Sna seachdainnean mu dheireadh dhen phròiseact Mediating Multilingualism thàinig na com-pàirtichean eadar-nàiseanta sna h-oilthighean ann an Alba, Diaimeuga, agus sna h-Innseachan còmhla airson cuspairean san robh ùidh aca uile a dheasbad cuide ri luchd-labhairt às an Rioghachd Aonaichte aig a bheil cànanan choimhearsnachd. Chleachd iad pìosan a-mach à Saoghal Thormoid airson na deasbadan, a chaidh a chumail sa Bheurla, a thòiseachadh. Chaidh na còmhraidhean seo a chlàradh, agus tha iad a-nis ri fhaighinn air sianal YouTube Guthan nan Eilean.

Bheir an clàr shìos ceanglaichean ris na deasbadan gu lèir, cuide ris na criomagan le Tormod MacGill-Eain a’ bruidhinn. Gheibhear pròiseactan ceangailte a bharrachd air duilleagan Institiud Rannsachaidh Cànain Oilthigh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean.

Cuspair

Còmhradh Clàraichte Criomag à Saoghal Thormoid

Language Endangerment:
Gaelic Trajectory?

Talking Points 1 Saoghal Thormoid clip 1

Language Hierarchies:
English Ascendancy?

Talking Points 2 Saoghal Thormoid clip 2
Language Contact:
Bilingual Balance?
Talking Points 3 Saoghal Thormoid clip 3

Duais na Gàidhlig

An t-Samhain 17, 2021

Meal a naidheachd air a’ bhuidheann GARG aig Oilthigh Dhùn Èideann airson Duais na Gàidhlig fhaighinn airson na h-obrach a rinn iad air aithneachadh cainnt.

Riaghladh Com-pàirteachail agus Fèin-stiùireadh Coimhearsnachd: Na Coimhearsnachdan Dùthchasach Gàidhlig

An Lùnastal 24, 2021

“Tha an sgrùdadh rannsachaidh seo a’ togail air dìleab an leabhar-rannsachaidh ‘Staing na Gàidhlig anns a’ Choimhearsnachd Dhùthchasaich[1] tro bhith a’ sgrùdadh factaran riaghladh com-pàirteachail agus fèin-stiùireadh coimhearsnachd a tha a’ buntainn ri leasachadh na Gàidhlig anns na coimhearsnachdan dùthchasach Gàidhlig.”

Tuilleadh an seo:

https://www.uhi.ac.uk/gd/rannsachadh/cuspairean-rannsachaidh/na-h-ealain-agus-na-daonnachdan/institiud-rannsachaidh-canain/foillseachaidhean/riaghladh-com-pairteachail-agus-fein-stiuireadh-coimhearsnachd-na-coimhearsnachdan-duthchasach-gaidhlig/

PDF: An exploration of agency and participation factors relevant to supporting Gaelic vernacular communities

Deasbad air Staing na Gàidhlig air a chlàradh

An t-Iuchar 5, 2021

Chaidh an deasbad air “One Year On: ‘The Gaelic Crisis in the Vernacula Community'” air 02/07/21 a chlàradh. Cluinnear an seo beachdan aig eileanaich air a’ phanail air buaidh an leabhair. An uair sin bha fòram fosgailte ann airson ceistean is molaidhean.

Faodar an taisbeanadh le Conchúr Ó Giollagáin fhaicinn an seo.

Tha na ceistean is molaidhean sgrìobhte air an cruinneachadh an seo.

Thèid na clàraidhean eile san t-sreath de sheminearan air-loidhne aig “The Edge” fhaicinn an seo.

 

Bliadhna bho chaidh an leabhar fhoillseachadh

An t-Iuchar 2, 2021

Tha bliadhna air a dhol seachadh bho chaidh an leabhar “The Gaelic crisis in the vernacular community” fhoillseachadh. A’ coimhead air ais agus air adhart, seo brath naidheachd bhon sgioba rannsachaidh a sgrìobh an leabhar.

 

Deasbad OGE: ‘One Year On’

An t-Ògmhios 18, 2021

Dihaoine, an dàrna latha dhen Iuchair, 11-12.30pm saor an asgaidh, fosgailte dhan a h-uile duine. Clàraich an seo tinyurl.com/knt6jzjk

Bùth-obrach air Urras na Gàidhlig

An Giblean 29, 2021

 

Chaidh bùth-obrach eile a chumail air-loidhne air a’ mholadh a tha a’ nochdadh san leabhar air Staing na Gàidhlig airson “Urras na Gàidhlig” a stèidheachadh. Bhruidhinn Iain Caimbeul aig an Institiud Rannsachaidh Cànain aig Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean air a’ chuspair “Building Resilience in Gaelic-speaking Communities: Governance, Agency, Participation“.

Tha an taisbeanadh air a sgrìobhadh a-mach ann am Beurla, ach ’s e Gàidhlig a chleachd Iain airson a mhìneachadh, agus ’s e Gàidhlig a chleachd na daoine a bha an làthair airson ceistean agus molaidhean a thogail san deasbad a thàinig as dèidh an taisbeanadh, le muinntir nan eilean ann às an Eilean Sgitheanach, Leòdhas, Uibhist, agus Barraigh, a bharrachd air riochdairean bho na h-oilthighean ann an Soillse.

Seo an taisbeanadh mar PDF.

Aithisg dheireannach air pròiseact ASR

An Giblean 16, 2021

Seo an aithisg dheireannach air a’ phròiseact air aithneachadh cainnt air a mhaoineachadh le Soillse. Mar a chithear, ged a tha maoineachadh Shoillse air tighinn gu crìoch, tha an obair leasachaidh fhathast a’ dol, agus tha an sgioba a’ fàs.

Reic an Earraich

An Giblean 1, 2021

Aig dìreach £15, gheibhear an leabhar cudromach seo aig prìs 40% nas ìsle na an àbhaist fad mìos a’ Ghiblein.

Aig Comhairle nan Leabhraichean an seo:

https://gaelicbooks.org/index.php?route=product/product&product_id=1688&search=gaelic+crisis

Tuigse ùr

Am Màrt 22, 2021

 

Chaidh bùth-obrach air-loidhne a chumail le Soillse air “New Insights on the Vernacular Gaelic Communities in the Islands” airson buill agus com-pàirtichean air 04/03/21, air a stiùireadh leis an Àrd-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin. Bha riochdachadh ann bho oilthighean san lìonradh, cuide ri sgoilearan eile bho thaobh a-muigh Alba fhèin. A bharrachd orra sin, bha daoine às na coimhearsnachdan sna h-eileanan an làthair cuideachd.

Chaidh an taisbeanadh aig an Àrd-ollamh Ó Giollagáin a chlàradh, agus faodar fhaicinn a-nis le duine sam bith:

Cha deach an deasbad an dèidh an taisbeanadh a chlàradh, gus nach biodh bacadh sam bith ga fhaireachdainn air beachdan is molaidhean a thabhann, agus chaidh ceistean agus puingean gu leòr a thogail, an dà chuid aig na h-acadaimigich agus aig muinntir nan sgìrean fhèin. Ach, as dèidh làimh, rinn buill “Guth nan Siarach” an clàradh fhèin air na beachdan a bh’ aca air an rannsachadh a chaidh a thaisbeanadh. ‘S e buidheann ùr a tha seo, a chaidh a stèidheachadh an dèidh foillseachadh an “Gaelic Crisis”, agus tha iad an dùil ri làrach-lin a thòiseachadh an ceartuair. San eadarama seo na beachdan gu lèir aca air an clàradh, agus rim faighinn air làrach Guthan nan Eilean.

Cuideachd, airson blasad beag fhàighinn dhen deasbaid aca, seo bhidio goirid a chaidh a sgaoileadh air na meadhannan sòisealta.

Tachartas air Latha Eadar-nàiseanta nan Cànan Màthaireil air a chlàradh

Am Màrt 3, 2021

Chaidh Latha Eadar-nàiseanta nan Cànan Màthaireil a chomharrachadh air feadh an t-saoghail air 21/02/21. Am measg iomadh tachartas air-loidhne, chùm an Taigh-tasgaidh Digiteach sreath de sheiseanan le fòcas a’ gluasad bho Àisia a Deas gu Aimeireaga a Tuath.

Chaidh iomradh sònraichte a chur air Gàidhlig ann an Seisean 3, ri taobh Jamaican. Thug Stiùiriche Shoillse, Conchúr Ó Giollagáin, òraid ghoirid seachad (aig 00.12.50) air an leabhar, “Gaelic Crisis“. As dèidh sin bha measgachadh ann de chòmhradh, òran is bàrdachd, le tuilleadh air a’ Ghàidhlig le Gordon Wells (00.31.50) agus Meg Hyland (01.09.50), cuide ri Audrey West (00.50.45) agus Yvonne Blake (01.35.35) a’ bruidhinn air Jamaican. Chaidh an tachartas gu lèir a chlàradh, agus faodar èisteachd ris tron cheangal seo: https://tinyurl.com/HebrideanCaribbean

Fios ùr mun phròiseict air aithneachadh cainnt

Am Faoilleach 29, 2021

Tha Lucy Evans, a tha ag obair air a’ phròiseact air a stiùireadh le Oilthigh Dhùn Èideann air aithneachadh cainnt, air aithisg ùr a thoirt a-mach air an adhartas gu ruige seo airson a’ bhlog aig an Gaelic Algorithmic Research Group. Na lùib tha eisimpleirean ann air na toraidhean a thàinig a-mach mar-thà, co-cheangailte ri obair fo-thiotalachd

Faodar a leughadh an seo.

Thig maoineachadh Shoillse airson na h-obrach seo gu crìoch a dh’aithghearr, ach tha Will agus a sgioba air airgead a bharrachd fhaighinn mar-thà airson leantail orra leis an obair luachmhor seo.

Staing na Gàidhlig: Caibideil 9

An t-Samhain 6, 2020

Ma tha duine sam bith airson barrachd a leughadh mu dheidhinn “Staing na Gàidhlig” mus tèid na coinneamhan sna coimhearsnachdan a chumail le Alasdair Allan, BPA nan Eilean Siar, tha tionndadh Gàidhlig a-nis ri fhaotainn air-loidhne de Chaibideil 9 san leabhar: “A dh’ionnsaigh modail ùr airson ath-bheòthachadh coimhearsnachd na Gàidhlig”. Faodar a leughadh an seo.

 

Agus faodar clàradh airson na coinneamhan an seo.

“Living off the edge”: taisbeanadh air-loidhne

An Dàmhair 30, 2020

Bha taisbeanadh air-loidhne aig an àrd-ollamh Conchúr Ó Giollagáin airson an t-sreath de sheiminearan aig “The Edge” ann an OGE air Diardaoin 29mh, An Dàmhair, air an robh an tiotal “Living off the edge: The crisis in late modern ethnolinguistic diversity from the Gaelic perspective”. Bha e a’ togail air no toraidhean a thàinig a-mach às an leabhar ùr “The Gaelic Crisis in the Vernacular Community“.

Tha e ri fhaicinn a-nis air YouTube:

 

Neach-rannsachaidh air Aithneachadh Cainnt

An Dàmhair 5, 2020

Tha Lucy Evans air ùr tòiseachadh mar neach-rannsachaidh aig Oilthigh Dhùn Èideann, ag obair air pròiseact Shoillse air aithneachadh cainnt a tha air a stiùireadh leis an Dr Uilleam Lamb. Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Quorate Technology Ltd cuideachd an sàs sa chom-pàirteachas. Seo agallamh a rinn Lucy airson GARG – (Gaelic Algorithmic Research Group).

https://blogs.ed.ac.uk/garg/2020/10/04/agallamh-le-lucy-evans-an-interview-with-lucy-evans/