Author: Gordon Wells
Duais na Gàidhlig
November 17, 2021
Meal a naidheachd air a’ bhuidheann GARG aig Oilthigh Dhùn Èideann airson Duais na Gàidhlig fhaighinn airson na h-obrach a rinn iad air aithneachadh cainnt.
The Innovation Award is for someone who showed the most innovation and creativity using the Gaelic language or contribution to the growth or development of the language.
Well done to the winners…the Gaelic Algorithmic Research Group!@UilleamUan #GaelicAwards #DuaiseanGàidhlig pic.twitter.com/tGrVCmlxC4— Reach Scotland Events (@ReachScotEvents) November 16, 2021
Riaghladh Com-pàirteachail agus Fèin-stiùireadh Coimhearsnachd: Na Coimhearsnachdan Dùthchasach Gàidhlig
August 24, 2021
“Tha an sgrùdadh rannsachaidh seo a’ togail air dìleab an leabhar-rannsachaidh ‘Staing na Gàidhlig anns a’ Choimhearsnachd Dhùthchasaich’[1] tro bhith a’ sgrùdadh factaran riaghladh com-pàirteachail agus fèin-stiùireadh coimhearsnachd a tha a’ buntainn ri leasachadh na Gàidhlig anns na coimhearsnachdan dùthchasach Gàidhlig.”
Tuilleadh an seo:
Deasbad air Staing na Gàidhlig air a chlàradh
July 5, 2021
Chaidh an deasbad air “One Year On: ‘The Gaelic Crisis in the Vernacula Community'” air 02/07/21 a chlàradh. Cluinnear an seo beachdan aig eileanaich air a’ phanail air buaidh an leabhair. An uair sin bha fòram fosgailte ann airson ceistean is molaidhean.
Faodar an taisbeanadh le Conchúr Ó Giollagáin fhaicinn an seo.
Tha na ceistean is molaidhean sgrìobhte air an cruinneachadh an seo.
Thèid na clàraidhean eile san t-sreath de sheminearan air-loidhne aig “The Edge” fhaicinn an seo.
Bliadhna bho chaidh an leabhar fhoillseachadh
July 2, 2021
Tha bliadhna air a dhol seachadh bho chaidh an leabhar “The Gaelic crisis in the vernacular community” fhoillseachadh. A’ coimhead air ais agus air adhart, seo brath naidheachd bhon sgioba rannsachaidh a sgrìobh an leabhar.
Deasbad OGE: ‘One Year On’
June 18, 2021
Dihaoine, an dàrna latha dhen Iuchair, 11-12.30pm saor an asgaidh, fosgailte dhan a h-uile duine. Clàraich an seo tinyurl.com/knt6jzjk
Bùth-obrach air Urras na Gàidhlig
April 29, 2021
Chaidh bùth-obrach eile a chumail air-loidhne air a’ mholadh a tha a’ nochdadh san leabhar air Staing na Gàidhlig airson “Urras na Gàidhlig” a stèidheachadh. Bhruidhinn Iain Caimbeul aig an Institiud Rannsachaidh Cànain aig Oilthigh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean air a’ chuspair “Building Resilience in Gaelic-speaking Communities: Governance, Agency, Participation“.
Tha an taisbeanadh air a sgrìobhadh a-mach ann am Beurla, ach ‘s e Gàidhlig a chleachd Iain airson a mhìneachadh, agus ‘s e Gàidhlig a chleachd na daoine a bha an làthair airson ceistean agus molaidhean a thogail san deasbad a thàinig as dèidh an taisbeanadh, le muinntir nan eilean ann às an Eilean Sgitheanach, Leòdhas, Uibhist, agus Barraigh, a bharrachd air riochdairean bho na h-oilthighean ann an Soillse.
Seo an taisbeanadh mar PDF.
Aithisg dheireannach air pròiseact ASR
April 16, 2021
Seo an aithisg dheireannach air a’ phròiseact air aithneachadh cainnt air a mhaoineachadh le Soillse. Mar a chithear, ged a tha maoineachadh Shoillse air tighinn gu crìoch, tha an obair leasachaidh fhathast a’ dol, agus tha an sgioba a’ fàs.
Reic an Earraich
April 1, 2021
Aig dìreach £15, gheibhear an leabhar cudromach seo aig prìs 40% nas ìsle na an àbhaist fad mìos a’ Ghiblein.
Aig Comhairle nan Leabhraichean an seo:
https://gaelicbooks.org/index.php?route=product/product&product_id=1688&search=gaelic+crisis
Tuigse ùr
March 22, 2021
Chaidh bùth-obrach air-loidhne a chumail le Soillse air “New Insights on the Vernacular Gaelic Communities in the Islands” airson buill agus com-pàirtichean air 04/03/21, air a stiùireadh leis an Àrd-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin. Bha riochdachadh ann bho oilthighean san lìonradh, cuide ri sgoilearan eile bho thaobh a-muigh Alba fhèin. A bharrachd orra sin, bha daoine às na coimhearsnachdan sna h-eileanan an làthair cuideachd.
Chaidh an taisbeanadh aig an Àrd-ollamh Ó Giollagáin a chlàradh, agus faodar fhaicinn a-nis le duine sam bith:
Cha deach an deasbad an dèidh an taisbeanadh a chlàradh, gus nach biodh bacadh sam bith ga fhaireachdainn air beachdan is molaidhean a thabhann, agus chaidh ceistean agus puingean gu leòr a thogail, an dà chuid aig na h-acadaimigich agus aig muinntir nan sgìrean fhèin. Ach, as dèidh làimh, rinn buill “Guth nan Siarach” an clàradh fhèin air na beachdan a bh’ aca air an rannsachadh a chaidh a thaisbeanadh. ‘S e buidheann ùr a tha seo, a chaidh a stèidheachadh an dèidh foillseachadh an “Gaelic Crisis”, agus tha iad an dùil ri làrach-lin a thòiseachadh an ceartuair. San eadarama seo na beachdan gu lèir aca air an clàradh, agus rim faighinn air làrach Guthan nan Eilean.
Cuideachd, airson blasad beag fhàighinn dhen deasbaid aca, seo bhidio goirid a chaidh a sgaoileadh air na meadhannan sòisealta.
Tachartas air Latha Eadar-nàiseanta nan Cànan Màthaireil air a chlàradh
March 3, 2021
Chaidh Latha Eadar-nàiseanta nan Cànan Màthaireil a chomharrachadh air feadh an t-saoghail air 21/02/21. Am measg iomadh tachartas air-loidhne, chùm an Taigh-tasgaidh Digiteach sreath de sheiseanan le fòcas a’ gluasad bho Àisia a Deas gu Aimeireaga a Tuath.
Chaidh iomradh sònraichte a chur air Gàidhlig ann an Seisean 3, ri taobh Jamaican. Thug Stiùiriche Shoillse, Conchúr Ó Giollagáin, òraid ghoirid seachad (aig 00.12.50) air an leabhar, “Gaelic Crisis“. As dèidh sin bha measgachadh ann de chòmhradh, òran is bàrdachd, le tuilleadh air a’ Ghàidhlig le Gordon Wells (00.31.50) agus Meg Hyland (01.09.50), cuide ri Audrey West (00.50.45) agus Yvonne Blake (01.35.35) a’ bruidhinn air Jamaican. Chaidh an tachartas gu lèir a chlàradh, agus faodar èisteachd ris tron cheangal seo: https://tinyurl.com/HebrideanCaribbean