Òraid leis an Àrd-Oll. Conchúr Ó Giollagáin

An Giblean 29, 2017

“Gàidheil Alba is Èireann agus lèirsinn ùr airson poileasaidhean leasachadh cànain”. Colaiste Inbhir Nis, 11/05/17, 7-8.30 pm.

COGOraid

 

Thèid an òraid seo a lìbhrigeadh sa Ghàidhlig.

Sgoilearachd PhD: Cànan is Cultar

An Giblean 17, 2017

 

UHIlogo

Tha PhD co-cheangailte ri Gàidhlig air a shanasachd aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

‘S e an cuspair “Language and Culture as a Societal Asset: Strategic Alignment of Language Policy to a Sustainable Socio-economic Market for Gaelic”. Fiosrachadh a bharrachd an seo.

Coinneamhan ann an Leòdhas agus Na Hearadh

An Giblean 5, 2017

posterpic2

Thèid coinneamhan poblach a chumail le Pròiseact Rannsachaidh Gàidhlig nan Eilean sa Ghiblean, far am bi cuireadh do mhuinntir nan eilean am beachdan a thogail air staid na Gàidhlig san latha an-diugh. Tha na coinneamhan seo a’ leantail air an fheadhainn ann an Sgalpaigh, Uibhist is Barraigh sa Mhàrt.

Seo na coinneamhan sa Ghiblean:

LeòdhasHearadh

An Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart: Agallamh

Am Màrt 29, 2017

Cluinnear an Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart sa bhidio seo, agus e a’ bruidhinn mun obair rannsachaidh aig Sabhal Mòr Ostaig sa phròiseact “LEACAG”, air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig. Bidh e a’ siubhal air feadh nan eilean a dh’aithghearr airson bruidhinn ri daoine a chleachdas Gàidhlig bho latha gu latha.

Stiùiriche aig Oilthigh Stockholm

Am Màrt 9, 2017

Stockholm

Bheir Stiùiriche Shoillse, Àrd-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin, òraid seachad sa Bheurla air “Minority bilingual acquisition and challenges for educational provision: Issues for the Gaeltacht and the Gàidhealtachd” air buth-obrach air “Education, language policy issues and minoritized languages across borders” aig Oilthigh Stockholm University air Diardaoin 30/03/17. Fiosrachadh a bharrachd an seo.

Coinneamhan sna h-Eileanan

Am Màrt 6, 2017

Posterpic1

Thèid coinneamhan poblach a chumail le Pròiseact Rannsachaidh Gàidhlig nan Eilean sa Mhàrt agus sa Ghiblean, far am bi cuireadh do mhuinntir nan eilean am beachdan a thogail air staid na Gàidhlig san latha an-diugh.

Seo na coinneamhan sa Mhàrt:

posterscreenshot

 

Bidh coinneamhan a bharrachd air an cumail ann an Leòdhas agus na Hearadh an ath-mhìos.

Òraid ann an Glaschu

Am Faoilleach 16, 2017

Bidh Conchúr Ó Giollagáin, Stiùiriche Shoillse, a’ toirt seachad òraid do Chomann Ghàidhlig Ghlaschu air an t-seachdain seo aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. ‘S e an cuspair aige “Staing nan Gàidheal ann an Alba agus ann an Èirinn: a’ strì leis an fhìrinn”.

Fiosrachadh a bharrachd air a’ phostair seo.

COGGlaschu

 

Pròtocal Donostia airson Còraichean Cànain

An Dùbhlachd 20, 2016

Bha Stiùiriche Shoillse, An t-Àrd Ollamh Conchúr Ó Giollagáin, ann an Donostia ann am Dùthaich nam Basgach air 17 Dùbhlachd airson a làmh a chur ri Pròtocal 2016 airson Còraichean Cànain. Gheibhear am brath naidheachd an seo, far am faighear am pròtocal fhèin cuideachd.

Òraid Ned Madrell

An Dùbhlachd 20, 2016

Thug an Dr Cassie Smith-Christmas, fhathast na neach-compàirt rannsachaidh aig Soillse a tha ag obair a-nise le Ollscoil Luimnigh, Òraid Ned Madrell 2016 seachad air Eilean Mhanainn, air aoigheachd  Culture Vannin agus yn Cheshaght Ghailckagh. B’ e an cuspair a bh’ aice “The Affective Landscape of Intergenerational Language Transmission: A Case Study of a Scottish Gaelic-Speaking Family”. Chìthear air YouTube i an seo:

“Saoghal Thormoid” ri fhaighinn a-nis

An t-Samhain 22, 2016

Norman

Tha an sreath de chlàraidhean bhidio le stuthan-taic a bharrachd ri fhaighinn air-loidhne a-nis. Faodar am faicinn air a’ cheangal seo.

TormodTableGD

“Saoghal Thormoid” a’ dol air-loidhne

An t-Samhain 3, 2016

 

TormodandGordon

Chlàraich Gòrdan Wells sreath de chòmhraidhean sa Ghàidhlig le Tormod MacGill-Eain, a tha na sgrìobhadair, neach-ciùil is cleasaiche iomraiteach, fad seachdain aig deireadh a’ Ghiblein, anns an do bhruidhinn Tormod air a’ chuimhne a th’ aige air beatha nan Gàidheal ann an Glaschu is na h-Eileanan bho mheadhan an fhicheadamh linn gus an latha an-diugh.

Thèid na còig bhideothan, a tha eadar 35 is 55 mionaidean a dh’fhaid, fhoillseachadh air-loidhne air Guthan nan Eilean a dh’aithghearr, a’ tòiseachadh Diluain 07/11/16. Bidh tar-sgrìobhaidhean facal-air-an-fhacal rim faotainn air Clilstore, a leigeas le luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig sùil a chumail air a’ bhriathrachas le briog luchag*. Tha 27,000 facal ann uile gu lèir thar trì uairean gu leth de chlàraidhean, a bhios na ghoireas air leth airson luchd-ionnsachaidh agus luchd-rannsachaidh. ‘S e sàr sgeulaiche a th’ ann an Tormod, agus tha òrain, fealla-dhà is sgeulachdan ann am pailteas cuideachd. Mar sin, ged as e foghlam a tha aig cridhe nan clàraidhean, gheibhear dibhearsan gu leòr annta cuideachd!

Bha Tormod a’ bruidhinn air iomadh cuspair tron t-seachdain ach anns an fharsaingeachd bha gach latha stèidhichte air cuspair sònraichte:

Diluain Sinnsireachd
Dimàirt Foghlam
Diciadain Coimhearsnachdan
Diardaoin Cruthachalachd
Dihaoine Gàidhlig

 
‘S e co-obrachadh a th’ anns a’ phròiseact “Saoghal Thormoid” eadar Soillse, a chùm taic airgid ri na clàraidhean tron Mhaoin Bheag Rannsachaidh, agus Guthan nan Eilean, am pròiseact is tasglann coimhearsnachd dà-chànanachais a bhios a’ foillseachadh earrannan bhideo air-loidhne air beatha is obair anns na h-Eileanan Siar. Faodar na bhideothan a chleachdadh saor an asgaidh.

*Bidh Clilstore cuideachd a’ liubhairt cheanglaichean do dhreachdan Google Translate tron tab “unit info”. Bheir na dreachdan seo blasad de na còmhraidhean dhan fheadhainn nach eil air tòiseachadh air a’ Ghàidhlig ionnsachadh fhathast, ged a dh’fheumas sinn cumail nar cuimhne nach eil eadar-theangachadh didseatach eadar a’ Ghàidhlig is a’ Bheurla ach aig an fhìor thoiseach an-dràsta.

Òraid an stiùiriche ann am Pàrlamaid na h-Èireann

An Dàmhair 18, 2016

Irish parliament

Bhruidhinn an t-Àrd-ollamh Conchúr Ó Giollagáin ris a’ chomataidh air Gaeilge na h-Èireann aig 5pm air 18/10/16.

Seo Geàrr-chunntas: The Gaeltacht Crisis

Seo bhidio na coinneimh.

An Dr Uilleam Lamb: Agallamhan

An t-Sultain 27, 2016

WillUofEBig

Bhruidhinn an Dr Uilleam Lamb ri Gordon Wells mu dheidhinn na h-obrach a tha Oilthigh Dhùn Èideann a’ dèanamh sa chiad phàirt de phròiseict “LEACAG” – agus gu h-àraid mun àite a th’ aig daoine a bhios a’ cleachdadh Gàidhlig gu proifeiseanta.

An seo sa Ghàidhlig:

An seo sa Bheurla:

Stiùiriche Shoillse aig Comhairle na Gàidhealtachd

An Lùnastal 12, 2016

Bhruidhinn Conchúr Ó Giollagáin ri Comataidh Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd ann an Inbhir Nis an-dè.

Seo webcast dhen tachartais.

CÓGaigCnG

 

Agus seo an taisbeanadh a rinn e air Powerpoint.

CÓGPPT

Cothrom obrach aig Soillse

An Lùnastal 12, 2016

MANAIDSEAR SGAOILIDH EÒLAIS AGUS COM-PÀIRTEACHAIDH PHOBLAICH

Tha Soillse, ann an com-pàirteachas le Sabhal Mòr Ostaig (SMO), a’ cur fàilte air tairgsean mu choinneimh cùmhnaint sheal-ùine airson ro-innleachdan sgaoilidh eòlais agus com-pàirteachaidh phoblaich iomchaidh a leasachadh is a stiùireadh a rèir rùn rannsachaidh Shoillse. ‘S e iomairt chom-pàirteachaidh a th’ ann an Soillse a tha a’ liubhairt cothroman rannsachaidh ann an roinnean foghlaim a tha freagarrach airson cànan is cultar na Gàidhlig a ghlèidheadh agus ath-bheothachadh.

Tha an dreuchd stiùiridh seo stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig, a tha na chom-pàirtiche ann an Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean. Bidh mion-eòlais aig tagraichean air cor làthaireach sòiseo-cànanach na Gàidhlig, eòlas math air co-obrachadh le coimhearsnachdan Gàidhlig is buidhnean poblach a chumas taic ris a’ chànan, agus deagh sgilean airson dèiligeadh leis na meadhanan. Thèid an tagraiche soirbheachail fhastadh air sgèile tuarastail SMO aig ìre £37,088 – 40,724 (aig 0.75 FTE pro-rata).

Ceann-latha nan tagraidhean: 05/09/2016. Bu chòir tagraidhean a chur air post-d gu obair@smo.uhi.ac.uk.

Ceann-latha sealadach nan agallamhan: 12/09/2016.

Tha an tuilleadh fiosrachaidh ri fhaotainn an seo agus aig Stiùiriche Shoillse: An t-Oll. Conchúr Ó Giollagáin, Sabhal Mòr Ostaig, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, Fòn: 01471 888558, Post-d: sm00cog@uhi.ac.uk

Gheibhear foirm iarrtais obrach an seo.

Àrd-Ollamh Roibeard Ó Maolalaigh: Agallamhan

An t-Ògmhios 16, 2016

Tha rannsaichean Gàidhlig an sàs ann an cùmhnant airson taic chànanach agus theicnigeach a chur ri iomairt shuaicheanta ùr ann an cànan na Gàidhlig – “Leacag” (Leasachadh Corpais na Gàidhlig).

RobO

Bidh Roibeard Ó Maolalaigh, Àrd-ollamh na Gàidhlig, Iar-Phrionnsabal agus Ceannard Cholaiste nan Ealain, a’ stiùireadh sgioba eadar-oilthighe, a’ toirt sgoilearan bho Ghlaschu còmhla ri co-obraichean bho Oilthigh Dhùn Èideann agus Sabhal Mòr Ostaig (pàirt de dh’Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean). Bidh an sgioba ag obair fo bhratach Shoillse.

Bhruidhinn Rob ri Gordon Wells ma dheidhinn,

An seo ann an Gàidhlig:

Agus an seo ann am Beurla:

Am BBC aig co-labhairt Shoillse

An t-Ògmhios 10, 2016

Bha luchd-naidheachd bhon BhBC aig co-labhairt Shoillse ann an Glaschu gach latha fad an latha, le sgeulachdan air an sgaoileadh air telebhisean, rèidio, agus air-loidhne.

Seo sgeulachdan air-loidhne a chuir iad a-mach, stèidhte air agallamhan le luchd-rannsachaidh aig a’ cho-labhairt.

“Rabhadh mun Ghàidhlig”

“A bheil planaichean Gàidhlig ag obrachadh?”

“Sianail Gàidhlig ann an cunnart”

 

Òraid air-loidhne

An Cèitean 30, 2016

Thug An t-Àrd-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin, Àrd-Ollamh Rannsachaidh na Gàidhlig, Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, agus Stiùiriche Shoillse, seachad a chiad òraid na dhreuchd sin air Dimàirt 19 Giblean 2016 aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha e ri fhaicinn air-loidhne a-nis.

Stiùiriche Shoillse aig a’ Phàrlamaid Eòrpach

An Cèitean 4, 2016

Bidh an t-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin a’ bruidhinn aig an tachartas seo sa Phàrlamaid Eòrpach.

13119100_1115519228470193_2951846175437122240_n

 

Co-labhairt Shoillse 2016

An Giblean 26, 2016

SoillseFELbanner

Planadh Mion-chànain: Coimhearsnachdan ann an Èiginn


Oilthigh Ghlaschu

6-8 Ògmhios 2016

Prìomh Òraidichean Dearbhte:

François Grin (Oilthigh Geneva)

Leena Huss (Oilthigh Uppsala)

Brian Ó Curnáin (Institiúid Ard-Léinn Bhaile Átha Cliath)

    

11167906_827422014012594_1466045461945984953_o

Tha a’ cho-labhairt seo, a tha a’ togail air na co-labhairtean soirbheachail ann an 2011 is 2015, airson cothrom a thoirt do luchd-rannsachaidh, luchd-poileasaidh, luchd-cleachdaidh agus luchd-iomairt mhion-chànanan a thighinn cruinn còmhla airson rannsachadh is eòlas a thoirt do chach-a-chèile gus an tèid seallaidhean ùra air ath-bheothachadh mhion-chànanan a bhrosnachadh agus cothroman co-obrachaidh ùra a chomharrachadh. ‘S e prìomh amas co-labhairt na bliadhna sa cùisean co-cheangailte ri planadh cànain a dheasbad aig meadhan/meanbh ìrean, air obair ath-bheothachaidh a chumas taic ri buidhnean mhion-chànanan le àireamhan sluaigh nas laige, cho math ri mion-chànanan a tha ‘às aonais stàit’ agus/no aig nach eil taic stàite. Bidh taisbeanaidhean ann air cuspairean mar a leanas:

  • Planadh Cànain aig Meanbh is Meadhan Ìrean
  • Dàimh eadar Mòr agus Meanbh/Meadhan Ìrean de Phlanadh Cànain
  • Sgrùdadh coimeasach air coimhearsnachdan mion-chànain
  • Dùbhlanan le prìomhachasan an lùib planadh mion-chànain
  • Taobhadh cuspaireil agus coimhearsnachdan mion-chànain
  • Feum airson oidhirpean com-pàirteach an lùib planadh cànain
  • Teòiridh shòiseo-eòlach agus seasmhachd mion-chànain
  • Dùbhlanan a thaobh iomadachd mhion-chànanan agus cultair iar-nuadh

Ma tha buidheann sam bith a tha ag obair air gnothaichean mar seo airson stann a chur suas aig a’ cho-labhairt faodaidh iad fios a chur gu fios@soillse.ac.uk.

UniGLAtitlcrop2

Càite

Thèid a’ cho-labhairt a chumail aig ionad WILT ann an Oilthigh Ghlaschu.

Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh air ciamar a ruigear Oilthigh Ghlaschu an seo.

Prògram

Thèid a’ cho-labhairt a chumail air 6-8 Ògmhios 2016.  Tha am prògram ri fhaicinn an seo. Faodaidh e atharrachadh rud beag fhathast.

‘S ma dh’fhaoidte gum bi cothrom ann airson cuairt a ghabhail air 9 Ògmhios 2016 an crochadh air cia mheud aig am biodh ùidh ann.

Tha prògram sòilsealta gu bhith ann cuideachd! Faicibh an seo.

Cuirm Chatharra

Tha sinn an comain Comhairle Bhaile Ghlaschu airson seo, a bhios air a cumail ann an Seòmraichean a’ Bhaile air a’ chiad oidhche.

Clàradh

Ma tha sibh airson tighinn dhan cho-labhairt tha sinn ag iarraidh oirbh a bhith a’ clàradh ro 01/05/2016. Tha dà cheum airson clàradh:

  1. Feumaidh sibh clàradh air an duilleag Eventbrite seo airson cìs na co-labhairt a phàigheadh (£125, a’ gabhail a-staigh pasgan na co-labhairt, tì/cofaidh, biadh aig meadhan-latha, dìnnear na co-labhairt agus cèilidh)
  2. An dèidh dhuibh clàradh thoiribh dhuinn fiosrachadh a bharrachd air an fhoirm Google seo.

Àite-fuirich

Gheibhear fiosrachadh air àiteachan-fuirich an oilthighe an seo.

Tha liosta math de dh’àiteachan-fuirich ann an Glaschu air a’ cheangal seo, gu h-àraid ann an taobh an iar a’ bhaile, far a bheil an t-oilthigh. Tha taighean-òsta agus taighean B&B mu fhichead mionaid le coiseachd bhon oilthigh agus tha àiteachan-fuirich ann am meadhan a’ bhaile mu fhichead mionaid air falbh air a’ bhus no deich mionaidean air a’ subway. ‘S urrainnear na còdan-puist G11 agus G3 a chleachdadh ma thathar a’ sireadh àite-fuirich faisg air an oilthigh ach ’s fhiach e sùil a thoirt air a’ mhap cuideachd. (Tha cuid de na h-àiteachan seo fada air falbh on bhaile-mhòr/on taobh an iar, mar sin dèanaibh cinnteach gum faighear lorg air an àite mus tèid seòmar a ghlèidheadh).

Rannsachadh sna h-Eileanan: Agallamh

An Giblean 20, 2016

Gordan

Tha sgiobaidhean Shoillse ag obair ann an Sgalpaigh, Griomasaigh, agus Èirisgeigh an-dràsta airson Pròiseact Rannsachaidh Gàidhlig nan Eilean. Seo Gòrdan Camshron a’ bruidhnn mu na tha iad a’ dèanamh, an toiseach sa Bheurla agus e a-mach air a’ phròiseact san fharsaingeachd, agus an uair sin sa Ghàidhlig air na tha e air a bhith ris ann an Èirisgeigh.

Pròiseact Ùr – Leasachadh Corpais na Gàidhlig

An Giblean 13, 2016

Tha proiseact ùr air tòiseachadh, air a stiùireadh leiis an àrd-ollam Roibeard Ó Maolalaigh aig Oilthigh Ghlaschu agus fo bhratach Shoillse.

RobO

Leugh tuilleadh an seo.

 

Luchd-Rannsachaidh sna h-Eileanan: Èirisgeigh, Griomasaigh, Sgalpaigh

Am Màrt 31, 2016

Bidh Pròiseact Rannsachaidh Gàidhlig nan Eilean a’ gabhail ceum air adhart sa Ghiblean le luchd-rannsachaidh a’ dol bho thaigh gu taigh ann an Èirisgeigh, Griomasaigh, agus Sgalpaigh. Tha fiosrachadh a bharrachd air na postairean shìos. Cliogaibh orra airson an leughadh.

scalpposter Grimposter  Erisposter

Clàradh na co-labhairt fosgailte

Am Màrt 4, 2016

 

Ma tha sibh airson tighinn dha cho-labhairt san Òg-mhìos tha sinn ag iarraidh oirbh a bhith a’ clàradh ro 01/05/2016. Tha dà cheum airson clàradh:

  1. Feumaidh sibh clàradh air an duilleag Eventbrite seo airson cìs na co-labhairt a phàigheadh (£125, a’ gabhail a-staigh pasgan na co-labhairt, tì/cofaidh, biadh aig meadhan-latha, dìnnear na co-labhairt agus cèilidh)
  2. An dèidh dhuibh clàradh thoiribh dhuinn fiosrachadh a bharrachd air an fhoirm Google seo.

conferenceheaderEN

Òraid leis an Àrd-ollamh Conchúr Ó Giollagáin

Am Màrt 2, 2016

“Ath-sgrùdadh air ar Suidheachadh: Na Mion-chànanan ann an Nua-aimsireachd an t-Saoghail Mhòir”

 

Conchúr Ó Giollagáin 19.2.16correctedcropped

Air 19/04/16 nì an t-Àrd-ollamh Conchúr Ó Giollagáin, anns a’ chiad òraid ann an sreath leantainneach, ath-sgrùdadh air suidheachadh buidhnean mion-chànanan bho thaobh dùbhlanan ionadail is eadar-nàiseanta. Bidh e a’ sgrùdadh mar a tha buaidhean nua-aimsireachd tric a’ dol an aghaidh a-chèile ann an saoghal an là an-diugh. Tha nua-aimsireachd air atharrachadh mòr sòisio-chultarail a thoirt a-steach, a tha air tighinn am follais an lùib iomadachd a’ bhaile mhòir. Ach air an dàrna làimh, tha cunnartan na cois mu choinneimh mairsinneachd nam buidhnean mion-chànanan, a dh’fhaodadh  iomadachd chultarail an t-saoghail a lughdachadh. Ann an co-theacsa sgoilearachd nan cànanan Ceilteach san latha an-diugh, tha e a’ cur na ceist an e Rannsachadh Ceilteach mar a tha e, a bhios a’ sgrùdadh dualchais chultarail ann an com-pàirteachas le sòisio-cànanachas ro-dhòchasach a’ bhaile mhòir, a’ bhun-stèidh innleachdail as fhreagarraiche airson nan dùbhlanan a tha romhainn. Tha Conchúr a’ mìneachadh gur e fuasgladh eile air an t-suidheachadh a tha a dhìth agus a’ toirt tuairisgeul seachad air ciamar a thèid dùbhlanan staid nam mion-chànanan a fhreagairt.

Fiosrachadh a bharrachd an seo.