Author: Gordon Wells
Òraidean Shoillse ann an Dùn Èideann
February 16, 2016
Thèid an sreath ùr de sheiminearan aig Soillse a chumail eadar 24 Gearran agus 20 Giblean, ann an 50 Ceàrnag Sheòrais, Dùn Èideann. Bidh seachd tachartasan againn, cuid dhiubh a’ coimhead air cuspairean Gàidhlig, cuid air mion-chànanan eile. Fiosrachadh an seo.
Coinneamh ann an Copenhagen
November 30, 2015
Chaidh coinneamh a chumail san Danmhairg air 27-28, le riochdairean bho oilthighean agus buidhnean leasachaidh aig a bheil ùidh ann an cànain beaga san Roinn Eòrpa. Chualas mu dheidhinn staid nan cànan Gàidhealach ann an Èirinn agus Alba, agus cuideachd mu dheidhinn nan cànan Sámi ann an Nirribhidh agus san Fhionnlann. Thathas a’ beachdachadh a-nis air pròiseact rannsachaidh eadar-nàiseanta a chur ri chèile far an tèid aig na h-oilthighean agus na buidhean leasachaidh air obair a dhèanamh còmhla gus suidheachadh nan cànan beaga a thuigsinn nas fheàrr, agus molaidhean a dhèanamh airson modal leasachaidh ùr a chruthachadh.
San dealbh:
Torkel Rasmussen, Sámi Allaskuvla
Peadar Morgan, Bòrd na Gàidhlig
Michelle Francett-Hermes, Oulun Yliopisto
Caoimhín Ó Dónaill, Ollscoil Uladh
Conchúr Ó Giollagáin, Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Colm Ó Baoill, Foras na Gaeilge
Dà Leabhar Ùr
November 20, 2015
Tha dà leabhar ùr, air an sgrìobhadh le luchd-rannsachaidh aig Soillse, air tighinn a-mach o chionn ghoirid. Tha fear dhiubh sa Ghàidhlig, agus am fear eile sa Bheurla – ach an dithis dhiubh air cuspairean cudromach. Fiosrachadh a bharrachd shìos.
A’ Ghàidhlig agus Beachdan nan Sgoilearan
Cothroman leasachaidh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig
Sìleas L NicLeòid
Tha an leabhar seo stèidhichte air cuid de na toraidhean as cudromaiche a bhios ag èirigh ann an tràchdas PhD Sìleas NicLeòid. Anns an leabhar, tha Sìleas a’ toirt sùil mhionaideach airson na ciad uair air beachdan agus tuigse nan sgoilearan foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fhèin air a’ Ghàidhlig agus air FMG, air mar a tha iad a’ faireachdainn mun t-suidheachadh ionnsachaidh aca, mun cuid chomasan sa Ghàidhlig agus mun t-seòrsa dreuchd a th’ aig a’ Ghàidhlig nam beatha.
Tha an leabhar a’ cumail fòcas làidir air guth na cloinne fhèin, stèidhichte air agallamhan le 80 sgoilear bho air feadh na h-Alba, eadar Clas 4 sa bhun-sgoil agus Bliadhna 2 san àrd-sgoil. Leis mar a thèid beachdan nan sgoilearan fhèin a chur ri beachdan nan inbheach, thathar a’ ruigsinn cho-dhùnaidhean agus mholaidhean a tha air leth cudromach do leasachadh FMG san àm ri teachd. Gheibhear an leabhar seo bho Bhùth Ostaig an-dràsta:
http://www.smo.uhi.ac.uk/en/buth/gnothaichean-canain/
Family Language Policy
Maintaining an Endangered Language in the Home
Cassie Smith-Christmas
Why some children being raised in multilingual environments use more of their minority language than others is an important question both for researchers and caregivers of multilingual children. This book sheds light on this question by exploring it through the lens of three siblings on the Isle of Skye, Scotland, who are being raised in an extended family where the adults are trying to maintain the endangered language Scottish Gaelic with them. However, despite the adults’ best efforts, and despite the fact that the children attend a Gaelic immersion school, none of the children currently use very much Gaelic. Smith-Christmas looks at the adults’ individual language ideologies and their language practices with the children, as well as their language practices with each other and the language norms in the wider community, in order to explain why language maintenance is such a continual uphill struggle for this family.
Stòras Rannsachaidh: Ùine a bharrachd
November 12, 2015
Tha an ceann-latha airson iarrtasan air atharrachadh gu 31/01/16. Fios a bharrachd an seo.
Pàrantan Èireannach agus Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Alba
November 10, 2015
Tha aithisg ùr air tighinn a-mach a fhuair taic bhon Stòras Rannsachaidh aig Soillse. Seo an ceangal.
Cunntas-sluaigh 2011: aithisg, pàirt 2
October 29, 2015
Seo ceangal dhan dàrna phàirt dhen aithisg a rinn Oilthigh Dhùn Èideann, le taic bho Shoillse.
Gairm airson pàipearan
October 23, 2015
Gheibhear gairm airson pàipearan airson co-labhairt Shoillse 2016 an seo.
Cunntas-sluaigh 2011: Aithisg
September 30, 2015
Seo ceangal gu aithisg a chaidh a dhèanamh le Oilthigh Dhùn Èideann, le taic bho Shoillse, a thàinig a-mach an-diugh.
Stòras Rannsachaidh Fosgailte
September 21, 2015
Tha Stòras Rannsachaidh Shoillse a-nis fosgailte. Faodar fiosrachadh mun sgeama fhaighinn an seo, agus foirm iarrtais an seo.
Triùir Luchd-Obrach Ùr
September 2, 2015
Thòisich Tamás Pétervári (air an taobh chlì) aig Soillse mar rannsaiche ann an sòiseo-chànanachas air 01/05/15. ’S e an t-uallach as motha a th’ air a bhith ag obair mar neach-taic rannsachaidh do Stiùiriche Shoillse, Prof Conchúr Ó Giollagáin.
Thòisich Gòrdan Camshron (sa mheadhan) agus Pàdruig Moireach air 01/09/15. Bidh iadsan ag obair còmhla mar luchd-rannsachaidh coimhearsnachd air a’ phròiseict ùr aig Soillse – Pròiseact Rannsachaidh Gàidhlig nan Eilean. Ged a bhios iad stèidhte aig Sabhal Mòr Ostaig, còmhla ri Tamás, bidh iad a’ siubhal air feadh nan Eilean Siar.
Co-labhairt 2016: Planadh Mion-Chànain
September 1, 2015
Tha fiosrachadh ri fhaighinn a-nis air a’ cho-labhairt aig Soillse ann an 2016, a bhios air a cumail 06-08/06/2016 aig Oilthigh Ghlaschu. ‘S e tiotal na co-labhairt “Planadh Mion-Chànain: Coimhearsnachdan ann an Èiginn”, agus gheibhear barrachd a-mach ma deidhinn an seo.
Cànain beaga…
August 31, 2015
Chaidh cuireadh a thoirt do Mharsaili NicLeòid, a tha ag obair le Soillse aig Oilthigh Obar Dheathain, pàipear a thoirt seachad aig an 24mh Congress of Endangered Languages and Cultures, 23-25/07/2015 ann an Uesca, san Spàinn. B’ e tiotal a pàipeir “Small languages, big interventions: institutional support for Gaelic in Scotland”. Faodar a leughadh (ann am Beurla) an seo.
Com-pàirtichean Rannsachaidh Shoillse – Cuireadh
August 19, 2015
A bheil ùidh agaibh ann an bhith nur Com-pàirtiche Rannsachaidh aig Soillse? Gheibhear fiosrachadh mun sgeama an seo.
“Gàidheil ùra?” Taisbeanadh ICCS le Stuart Dunmore
July 27, 2015
Seo an taisbeanadh a chleachd Dr Stuart Dunmore aig Còmhdhail Eadar-nàiseanta na Ceiltis ann an Glaschu. ‘S e an cuspair a bh’ aige “Luchd-labhairt ùra? Gàidheil ùra?”
Taisbeanadh ICCS: Cleachdadh na Gàidhlig anns an roinn phoblach
July 23, 2015
Bha seisean aig Inge Birne, oileanach PhD le Soillse, aig Còmhdhail Eadar-nàiseanta na Ceiltis aig Oilthigh Glaschu air “Cleachdadh na Gàidhlig anns an roinn phoblach”. Seo an taisbeanadh a chleachd i.
Òraid le Stuart Dunmore aig Sabhal Mòr Ostaig
July 8, 2015
Thug Stuart Dunmore òraid seachad aig an dàrna cho-labhairt aig Soillse air 29/05/15. Seo an taisbeanadh a chleachd e:
Agus rinn e bhidio goirid cuideachd mu na bha e air a bhith ris aig a’ cho-labhairt fhad ‘s a bha e ann, le iomradh air na toraidhean a thàinig a-mach às a chuid rannsachaidh:
Òraid ann am Baile Átha Cliath
July 7, 2015
Thug Cassie Smith-Christmas, neach-rannsachaidh aig Soillse, òraid seachad aig “The First Celtic Sociolinguistics Symposium” ann am Baile Átha Cliath air 26/06/15. Seo an taisbeanadh a chleachd i.
Dà dhreuchd: Neach-Rannsachaidh Coimhearsnachd
June 29, 2015
Seo sanas airson dà dhreuchd ùr aig Soillse:
Gheibhear fiosrachadh a bharrachd an seo, agus foirm iarrtais an seo.
Taisbeanadh air Rannsachadh sna h-Eileanan
June 21, 2015
Chaidh an taisbeanadh seo a thoirt seachad ann an oifisean Comhairle nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh air 16/06/15.
Fiosrachadh a bharrachd an seo:
https://guthan.wordpress.com/2015/06/21/islands-research-overview/