Tha Soillse air an treas geàrr-iris rannsachaidh fhoillseachadh airson 2013

May 13, 2013

Tha an Geàrr-iris Rannsachaidh a’ toirt geàrr-iomradh air toraidhean bhon t-Suirbhidh air Beachdan Sòisealta na h-Alba, 2012, a thaobh beachdan dhaoine air a’ Ghàidhlig agus tha e stèidhichte air sampall de 1,229 daoine.

Gheibh sibh leth-bhreac dhen Geàrr-iris Rannsachaidh air-loidhne ann an seo.

Tha an darna Geàrr-aithris rannsachaidh aig Soillse a-nist air a foillseachadh

January 15, 2013

Tha an darna Geàrr-aithris rannsachaidh aig Soillse a-nist air a foillseachadh agus gheibh sibh leth-bhreac air-loidhne ann an seo.

Aithisgean rannsachaidh a fhuair taic bhon Stòras Rannsachaidh aig Soillse a-nist air a foillseachadh

August 16, 2012

Tha dà aithisg rannsachaidh a fhuair taic bhon Stòras Rannsachaidh aig Soillse a-nist air a foillseachadh.

(1) Rinn an t-Oll Mark McConville agus caraidean aig Oilthigh Ghlaschu rannsachadh air a bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig na meadhanan-sòisealta air leasachadh mion-chànanan. Tha an aithisg slàn an seo.
(2) Rinn an t-Oll Fiona O’ Hanlon agus caraidean aig Oilthigh Dhùn Èideann rannsachadh air na pàtranan cleachdadh cànain Gàidhlig agus Beurla ann an solarachadh foghlam meadhain-Ghàidhlig aig ìre ro-sgoile, bun-sgoile agus àrd-sgoile ann an Alba. Tha an aithisg slàn an seo.