April 2, 2019
Chuir Conchúr Ó Giollagáin agus Gòrdan Wells seachdain seachad sa Mhàrt a’ tadhal air oilthighean sna h-Innseachan air a’ phròiseact “Mediating Multilingualism” (a tha air a mhaoineachadh tro OGE leis an Global Challenge Research Fund). Tha seo a’ leantail Aontachadh Cho-obrachaidh eadar OGE agus Amity University Haryana, far am bi An t-Ollamh Udaya Narayana Singh, a b’ àbhaist a bhith os cionn an Central Institute of Indian Languages, a’ cuideachadh OGE agus Soillse le ceanglaichean a thogail ris an lìonradh de Centres for Endangered Languages (CFELs) a tha sgapte air feadh na dùthcha.
Thòisich an turas le co-labhairt aig Oilthigh Amity, far an robh Gòrdan agus Conchúr a’ bruidhinn, am measg grunnd luchd-labhairt eile. Thuirt Gòrdan gum b’ urrainn dhan Rìoghachd Aonaichte, agus ‘s dòcha Èirinn cuideachd, tòrr ionnsachadh mu dheidhinn ioma-chànanas, agus mar a thathas a’ dèiligeadh ris, sna h-Innseachan.
An dèidh sin, chaidh iad do Kolkata far an do sheall Gòrdan am bhidio trì-chànanach “Cuairt Ghàidhealach” aig an CFEL aig Oilthigh Jadavpur, le taing dha na h-ollamhan Mahidas Bhattacharya agus Samir Karmakar airson an cuid aoigheachd, mus do bhruidhinn Conchúr air a’ chuspair “Minority Bilingual Acquisition”.
Thàinig a’ chuairt gu crìoch aig Oilthigh Visva Bharati aig Santiniketan, a chaidh a stèidheachadh leis a’ bhàrd ainmeil Rabindranath Tagore, far an do thadhal iad air CFEL eile, agus far an d’ fhuair iad fàilte chrìdheil a-rithist.

Tha cunntas leis an ollamh Esha Jainiti air a’ cho-labhairt aig Amity ri fhaighinn air Asian Community News an seo.
Gheibhear ceanglaichean dha na taisbeanaidhean aig Conchúr agus Gòrdan air an cuairt air fad shìos.
Conchúr Ó Giollagáin
Amity, 18/03/19: Mediating multilingualism in a local community context – a sharing of innovation and expertise between Scotland, Ireland, and India
Amity, 19/03/19: Demolinguistic surveys on the Gaelic groups in Scotland and Ireland
Jadavpur, 20/03/19: Minority bilingual acquisition: the challenge
Santiniketan, 23/03/19: The Gaelic cultures of Scotland and Ireland
Gordon Wells
Amity, 18/03/19: Island Voices Language Capture and Curation Project
Amity, 19/03/19: Video documentation: some remarks
Jadavpur, 20/03/19: Gaelic Journey
Santiniketan, 23/03/19: Island Voices: language capture and curation project, and video ethnography case study