Co-labhairt: A’ Cur Phoileasaidhean Mion-Chànain an Sàs ann an Coimhearsnachdan Ionadail

An Gearran 21, 2022

Co-labhairt Eadar-nàiseanta, 29–31 Lùnastal 2022,

Caladh Inn, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, Alba

Gairm Phàipearan

Tha Soillse fìor thoilichte a ràdh gum bi co-labhairt eadar-nàiseanta air a bheil ‘A’ Cur Phoileasaidhean Mion-chànain an Sàs ann an Coimhearsnachdan Ionadail’ gu bhith ann eadar 29–31 Lùnastal anns a’ Chaladh Inn, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, Alba.

Tha a’ cho-labhairt seo air a cur air dòigh fo sgèith agus le taic bho Shoillse, Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha an luchd-labhairt a leanas gu bhith an làthair: François Grin (Oilthigh Geneva), Pàdruig Moireasdan (Iomairtiche na Gàidhlig), Jane NicLeòid (Iomairtiche na Gàidhlig), Agnes Rennie (Urras Oighreachd Ghabhsainn) agus Lowri Cunnington Wynn (Oilthigh Aberystwyth).

Thèid gabhail ri taisbeanaidhean eadar 250 agus 300 facal (gun a bhith a’ toirt a-staigh tùsan) anns a’ Bheurla no anns a’ Ghàidhlig le eachdraidh-beatha ghoirid (gun a bhith nas fhaide na 150 facal), agus anns a bheil iomradh mu bhuntanas, mar a chithear iomchaidh, agus anns a bheil taghadh am bi sibh an làthair ann an Steòrnabhagh no air-loidhne. Tha ceann-latha 20 Cèitean 2022 airson geàrr-chunntasan a chur a-staigh. Bhitheamaid fada nur comain nan cuireadh sibh ur geàrr-chunntas no ceistean thugainn aig conference2022@soillse.ac.uk cho fada ’s a bhios iad a’ freagairt ri tèama na co-labhairt. Tha bursaraidhean rim faotainn airson oileanaich agus luchd-rannsachaidh. Bu chòir do thaisbeanaidhean a bhith 20 mionaid a dh’fhaid gus am bi 10 mionaidean ann airson cèistean agus deasbad.

Thathar an dòchas gun tèid a’ cho-labhairt air adhart san dòigh àbhaisteach ach, mura tèid, tha planaichean eile againn gus an tèid a cur air dòigh mar cho-labhairt mheasgaichte le taisbeanaidhean ri fhaotainn air-loidhne, agus luchd-labhairt agus luchd-èisteachd ann an Steòrnabhagh (ma bhios sin comasach agus a’ dol leis na riaghailtean a dh’fhaodadh a bhith ann aig an àm ud) cho math ris an fheadhainn air-loidhne. Cosgaidh a’ cho-labhairt £50 gach neach, ged a bhithear an làthair san taigh-òsta no air-loidhne (ach chan urrainear cosgais an lùib siubhal no àite-fuirich a phàigheadh air ais idir ma thèid a’ cho-labhairt air adhart mar bu mhiann leinn), agus tha sin a’ toirt a-staigh suipear na co-labhairte dhan fheadhainn a bhios ga h-iarraidh. Thèid barrachd fiosrachaidh mu chlàradh is eile a sgaoileadh a dh’aithghearr.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios thugainn: conference2022@soillse.ac.uk.

Gus Gairm Phàipearan a thoirt a-nuas na riochd PDF: http://www.soillse.ac.uk/wp-content/uploads/GaP-2022-Soillse-Co-labhairt.pdf

Clàradh airson na co-labhairt: Eventbrite.com