Comataidh na Gàidhlig a’ dol a-mach à bith

June 2, 2017

 

Gàidhlig a’ gabhail ceum air ais ann an Comhairle na Gàidhealtachd

Bràth-naidheachd

Leis a’ cho-dhùnadh airson cur às do Chomataidh na Gàidhlig tha Comhairle na Gàidhealtachd an impis a’ Ghàidhlig a’ chur air falach an lùib ghnìomhan-obrach na Comhairle gu lèir.

Tha sin gu math tàmailteach, on a tha a’ Chomhairle air obair mhòr a dhèanamh thairis air na bliadhnaichean a dh’fhalbh airson cor na Gàidhlig a neartachadh agus gu h-àraid ann am foghlam sgoile.

Ann a bhith a’ leasachadh mhion-chànanan mar a’ Ghàidhlig, tha e bunaiteach gu bheil teachdaireachd làidir is maireannach a’ tighinn bho na h-Ùghdarrasan Poblach mu sheasamh is suidheachadh na Gàidhlig anns na h-amasan corporra aca.   ’S e fìor dhroch theachdaireachd a th’ ann, a bhith a’ lughdachadh cumhachd Comataidh na Gàidhlig agus le bhith a’ cur chuspairean Gàidhlig an lùib chomataidh mhòr eile dhen Chomhairle.

Tha inbhe aig àrd-ìre na bunait chudromach airson taic is leasachadh a thoirt dhan Ghàidhlig thairis air sgìre mhòr na Comhairle.  Tha e na dhleastanas aig a’ Chomhairle ceanglaichean èifeachdach a thogail le luchd-ùidhe san fharsaingeachd, agus tha pàirt mhòr dhen iomairt sin ceangailte ri inbhe aig àrd-ìre a bhith aig a’ Ghàidhlig taobh a-staigh na Comhairle.

Tha a’ Chomhairle an-dràsta a’ deasachadh an treas Plana Gàidhlig aca agus tha ochd amasan àrd-ìre gu bhith a’ stiùireadh ghnìomhan a thèid aontachadh leis a’ Chomhairle agus le Bòrd na Gàidhlig.  Na lùib sin tha: Seirbheisean poblach; Tràth-ìrean; Foghlam; Coimhearsnachd; An t-Àite obrach; na h-Ealain; agus Eaconamaidh.    Tha a’ Chomhairle ag ràdh gu bheil seirbheisean is goireasan na Gàidhlig a’ faighinn an aon spèis is urram mar a’ Bheurla.    Tha e doirbh fhaicinn ciamar a thachras sin agus ciamar a bhios ùine sam bith aig a’ Chomataidh Phoblach dèiligeadh ris, is sealbh cothromach is mionaideach a’ ghabhail air na gnìomhan ceangailte ris na h-ochd àrd-amasan ann am Plana Gàidhlig na Comhairle.   Tha an dòigh-obrach seo cianail lag agus a’ dèanamh dìmeas an dà chuid air coimhearsnachd na Gàidhlig agus cuideachd air dleastanas na Comhairle còirichean a’ chànain a dhìon.

Tha an co-dhùnadh seo a’ sealltainn aon uair eile am beàrn lèirsinn a th’ ann ann an Alba agus gu sònraichte taobh a-staigh na h-Ùghdarrasan Ionadail a thaobh nan dòighean a tha iad a’ cleachdadh airson cnapan-starra a chruthachadh a tha a’ cur bacadh air cor na Gàidhlig a thogail gu slighe sheasmhach.   Thathar gu ìre a’ cleith gu bheil duilgheadas mòr ann le fallaineachd na Gàidhlig.

Bu chòir don treas Plana Cànain aig a’ Chomhairle a bhith a’ dèiligeadh gu dìreach leis na dùbhlain a th’ ann, a’ togail air na cothroman a th’ air an cruthachadh chun an seo, a bhith làidir gu leòr ann an seagh ro-innleachdail, agus cuideachd a bhith fosgailte gu sgrùdadh bhon t-sluagh gu lèir.   Le bhith a’ cur cùisean Gàidhlig ann an oisean dorcha tha a’ Chomhairle a trèigsinn na Gàidhlig agus tha e doirbh fhaicinn ciamar a thig adhartas sam bith air suidheachadh na Gàidhlig ann an sgìre na Gàidhealtachd fo stiùir na Comhairle seo.   Tha feum air lèirsinn shòisealta ann an Alba a bhios stèidhte air a’ bhuidhinn-labhairt, agus freumhaichte anns na goireasan cultarach, le co-obrachadh eadar ùghdarrasan poblach agus coimhearsnachd na Gàidhlig.

Iain Caimbeul, Manaidsear Sgaoilidh Eòlais agus Com-pàirteachaidh Phoblaich