Sgioba Stiùiridh

An t-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin
Tha Conchúr Ó Giollagáin air a chur an dreuchd mar Àrd-Ollamh Rannsachaidh na Gàidhlig aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus Eilean agus mar Stiùiriche acadaimigeach air Soillse, Lìonradh Nàiseanta Rannsachaidh airson Glèidheadh agus Ath-bheothachadh na Gàidhlig.
Tha e stèidhte aig Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig UHI, san Eilean Sgitheanach.

Àrd-Ollamh Roibeard Ó Maolalaigh
Oilthigh Ghlaschu
Luchd com-pàirt

An Dr Nicola Carty
Bha Nicola Carty na h-oileanach PhD aig Soillse ann an Oilthigh Ghlaschu. A-nis tha i na neach-taic rannsachaidh aig an oilthigh.

An Dr Fiona O' Hanlon
Bha Fiona O’ Hanlon na rannsaiche aig Soillse ann an Oilthigh Dhùn Èideann. A-nis tha i na Chancellor’s Fellow aig an oilthigh.

An Dr Timothy Currie Armstrong
Bha Tim Armstrong na rannsaiche aig Soillse ann an Sabhal Mòr Ostaig. A-nis tha e na Àrd Òraidiche aig a’ cholaiste.

An Dr Marc MacConmhaoil
Bha Marc MacConmhaoil na rannsaiche aig Soillse ann an Oilthigh Ghlaschu. A-nis tha e na Mhanaidsear Pròiseict aig an oilthigh.

An Dr Stuart Dunmore
Rinn Stiùbhart Dunmore a chiad cheum aig Oilthigh Dhùn Èideann, anns an d’fhuair e Urram na Ciad Ìre ann an Ceiltis agus Cànanachas (2008), agus an sin thug e a-mach ceum maighstireachd ann an Ceiltis aig Oilthigh Oxford (2010). Na rannsachadh PhD, a bha air a mhaoineachadh le Soillse, rinn Stiùbhart sgrùdadh air buaidh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig san fhad-ùine, a’ measadh cleachdaidhean, ideòlasan agus beachdan cànain a th’ aig inbhich a thòisich ann am foghlam bun-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig eadar 1985 agus 1995.
Chuir Stiùbhart crìoch air a cheum dhotaireil ann an 2014, agus an uair sin dh’obraich e aig Oilthigh Ghlaschu fad 6 mìosan na neach-cuideachaidh iar-dhotaireil air a’ phròiseact CLAG (‘Comasan Labhairt ann an Gàidhlig’), a tha air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig. San Dàmhair 2015 thòisich Stuart na Rannsaiche Shoillse Iar-dhotaireil aig Oilthigh Dhùn Èideann.

An Dr Cassie Smith-Christmas
Rinn Cassie BA ann an cànanachas aig The College of William and Mary ann an Virginia, Na Stàitean Aonaichte ann an 2006, is rinn i MA aig Universiteit Leiden, Òlaind ann an 2007, far an do sgrìobh i a tràchdas leis an tiotail ‘He Brought Home the English:’ Language Shift on the Isle of Skye, Scotland. Thug an tràchdas seo sùil air trì ginealaich ann an teaghlach Gàidhlig. B’ e an teaghlach seo cuideachd an cuspair den tràchdas PhD aice aig Oilthigh Ghlaschu (a chaidh a chur a-steach anns an Iuchar 2012) leis an tiotail ‘I’ve lost it now dè a bh’ agam: Language Shift, Maintenance, and Code-Switching in a Bilingual Family. Bha an tràchdas seo stèidhichte air clàraidhean den teaghlach mar a bha iad a’ bruidhinn gu nàdarrach san taigh, is b’e atharrachadh-cànain, no language alternation, am prìomh fhòcas san tràchdas.
Tha ùidh aig Cassie ann an sgrùdadh-còmhraidh, atharrachadh-cànain, pragmataig, cànan na cloinne, is mar a tha cànan ga chleachdadh gu nàdarrach. Cuideachd, tha ùidh aice ann an falbhanan do choimhearsnachdan na Gàidhealtachd is nan Eilean is tha i a’ sgrùdadh imrich anns an fhicheadamh linn. Tha ùidh shònraichte aice ann an clann air fàsdadh is clann a chaidh a chur air falbh às na dachaighean aca anns an Darna Cogadh.

An Dr Ùisdean MacIllInnein
Rugadh is thogadh Ùisdean MacIllInnein ann an Caol a’ Ghearasdain ann an Lochabar, ann an teaghlach Gàidhlig le parantan às na Hearadh. Tha taobh mòr aige ri Eilean na Sgarpa far an do rugadh is thogadh a mhàthair.
Thug Ùisdean a mach ceum ann an Cànanan Ceilteach ann an Oilthigh Glaschu anns na 70an agus DipED nuair a bha e a’ trèanadh na neach-teagaisg Gàidhlig. Chaidh e a dh’obair dhan BhBC ann an Inbhir Nis an dèidh ceithir bliadhna a’ teagasg agus chuir e seachad grunn bhliadhnaichean an dèidh sin na chraoladair air rèido agus telebhisean agus na sgrìobhadair air pàipearan naidheachd.
Thug e a-mach ceum PhD ann an Oilthigh Obair Dheathain ann an 1998 le tràchdas mu eilthireachd, spòrs agus cleachdaidhean nan Gàidheal. Bha e seachd bliadhna na Cheannard Conaltraidh aig companaidh aiseig Mhic a’ Bruthainn agus thòisich e na Cho-Rannsaiche aig Soillse ann an Sultain 2015 far am bi e ag obair air pròiseactan foghlaim agus craolaidh gu sònraichte, aig Oilthigh Dhùn Èideann.
Tha Ùisdean air a bhith an sàs ann am mòran bhuidhnean agus iomairtean Gàidhlig thar nam bliadhnaichean, leithid CNAG, MG Alba agus Bòrd na Gàidhlig, agus buidhnean saor-thoileach, ag obair còmhla riutha agus dhaibh. Tha e cuideachd air a bhith ag obair còmhla ri diofar Riaghaltasan air poileasaidh is gnìomhan an saoghal na Gàidhlig.
Tha a’ mhòr-chuid `s dòcha eòlach air mar chraoladair spòrs air camanachd, rugbaidh agus ball-coise air telebhisean agus rèidio. Tha e cuideachd na Cho-Phroifeiseantach aig Acadamaidh Spòrs Oilthigh Dhùn Èideann.
Pàirtichean aig Soillse
Ma tha neach-rannsachaidh sam bith le eòlas freagarrach ann an ath-bheothachadh mhion-chànanan airson taic a chur ri obair Shoillse na chom-pàirtiche rannsachaidh, nach lean sibh an ceangal seo.
Bòrd Stiùiridh
Bòrd Stiùiridh
Is e Iar-Phrionnsapal (Rannsachadh agus buaidh) Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a bhios na Chathraiche air Bòrd Stiùiridh Shoillse.
Tha a’ Bòrd Stiùiridh air a’ riochdachadh le:
- Sgioba Stiùiridh
- Comhairle Maoineachadh na h-Alba
- Oifis Stiùiridh – Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean