Foillseachaidhean Ùra

June 13, 2017

SoillsePublicationsscreen

O chionn ghoirid, tha Soillse air aithisgean air-loidhne fhoillseachadh air pròiseactan a chaidh a mhaoineachadh leis an Stòras Rannsachaidh. Gheibhear lorg orra air an taba “Foillseachaidhean” aig Foghlam agus Coimhearsnachdan.

Ann am Foghlam, tha an aithisg aig Oilthigh Shrath Chluaidh “Transformative Pedagogies for Gaelic Revitalisation” a’ toirt seachad na toraidhean bho rannsachadh a chaidh a dhèanamh air beachdan thidsearan air eadar-chànanachadh mar dhòigh theagaisg ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Ann an Coimhearsnachdan, tha an aithisg aig Oilthigh Heriot-Watt “‘New Speakers’ of Gaelic from outside the UK” a’ toirt seachad cùl-fhiosrachadh, fèin-fhiosrachadh agus beachdan bho bhuidheann de ‘luchd-labhairt ùra’ a tha a’ fuireach ann an Alba ach a thàinig à dùthchannan eile air taobh a-muigh na Rìoghachd Aonaichte.

Chaidh an dà phròiseact seo a dhèanamh ann an com-pàirteachadh le Oilthigh Dhùn Èideann.

Cuideachd ann an Coimhearsnachdan, tha Sabhal Mòr Ostaig air cruinneachadh de thar-sgrìobhaidhean fhoillseachadh, ann an cruth a ghabhas clò-bhualadh, air na còmhraidhean ann an “Saoghal Thormoid” a chaidh a chlàradh agus a chur air-loidhne an uiridh. Na lùib tha Facal-tòisich ùr le Stiùiriche Shoillse, Conchúr Ó Giollagáin.