Coimhearsnachdan

Pod-chraoladh sa Ghàidhlig

Mark McConville, University of Glasgow In collaboration with: Fiona Dunn, Roibeard Ó Maolalaigh (University of Glasgow) Elaine Mowat (Edinburgh Napier University)

Tha an aithisg-rannsachadh seo a’ toirt seachad geàrr-chunntas air ciamar a thigeadh aig na meadhanan-sòisealta taic a thoirt do leasachadh mion-chànanan.

Aithisg Rannsachaidh air Pod-chraoladh sa Ghàidhlig

Beachdan air Ionnsachadh agus Cleachdadh na Gàidhlig ann an Coimhearsnachd Dà-chànanach: Sgrùdadh rannsachail

Gordon Wells, Sabhal Mòr Ostaig-UHI

Tha an aithisg seo a’ sireadh agus a’ clàradh bheachdan ann an Uibhist, san Eileanan an Iar, a luib dhaoine a tha sa choimhearsnachd le uidh ann an Gàidhlig, luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh. Tha fòcas sònraichte air beachdan ceangailte le dà-chànanachas agus litearras, agus a bhuaidh a fhaodadh a bhith aig na beachdan sin air cho deònach is a bhiodh daoine airson còmhradh ann a’ Gàidhlig.

Perceptions of Gaelic Learning and Use in a Bilingual Island Community

Litearras digiteach sa Gàidhlig ann an Coimhearsnachd Dà-chànanach: Sampall-sgrùdaidh air cleachdadh agus roghainnean

Gordon Wells, Sabhal Mòr Ostaig-UHI

Tha an aithisg seo a’ togail air an rannsachadh a chaidh a dhèanamh ann an 2011. Tha an rannsachadh a’ toirt sùil gu sònraichte air mar a tha feum ionadail air a chuir air litearras digiteach ioma-mhòdach mar chleachdadh sòisealta.

Gaelic Digital Literacies in a Bilingual Community

Amalachadh agus Cànan: In-imrich gu sgìrean Gàidhlig as an Aona Linn air Fhichead

Cassie Smith-Christmas, Colaisde a' Chaisteil-UHI

Tha an rannsachadh seo a’ toirt sùil air dà phrìomh chuspair ann an co-teacs in-imrich gu sgìrean traidiseanta na Gàidhlig: (a) mar a tha in-imrich ag ionnsachadh agus a’ cleachdadh na Gàidhlig; agus (b) cuspairean a tha ceangailte le bhith ag ionnsachadh agus a’ cleachdadh na cànain.

Language and Integration Migration to Gaelic-Speaking Areas in the Twenty-First Century

‘Luchd-labhairt ùra’ na Gàidhlig ann an Dùn Èideann agus Glaschu

Wilson MacLeòid, Oilthigh Dhùn Èideann; Bernadette O’Rourke, Oilthigh Heriot-Watt; Stiùbhairt Dunmore, Oilthigh Dhùn Èideann

Tha an rannsachadh seo a’ toirt seachad cùl-fhiosrachadh, fèin-fhiosrachadh agus beachdan bho bhuidheann ùr de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Dùn Èideann agus Glaschu.

New Speakers’ of Gaelic in Edinburgh and Glasgow

Pàrantan Èireannach agus Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Wilson MacLeòid, Oilthigh Dhùn Èideann; Bernadette O’Rourke, Oilthigh Heriot-Watt

Tha an aithisg seo a' coimhead air àite pàrantan à Eirinn ann am meadhan Alba (Dùn Èideann is Glaschu gu sònraichte) a tha air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FMG) a thaghadh dhan chuid cloinne. Rinneadh agallamhan le mu 20 pàrant Èireannach, agus chaidh faighneachd dhiubh mu na adhbharan a roghnaich iad FMG, an cuid bheachdan air FMG, agus an eòlas air cànan is coimhearsnachd na Gàidhlig anns an fharsaingeachd. Leis an dàta agus an sgrùdadh seo bhathas a' feuchainn ri tuigse nas fheàrr a ruigsinn air Gàidhlig mar chànan teaghlaich is coimhearsnachd, Gàidhlig ann an foghlam, agus a' cheangal eadar muinntir na Gàidhlig agus na Gaeilge.

Irish parents and GME Soillse Report 2015 -WM-BOR-FINAL

'Luchd-labhairt ùra' na Gàidhlig bho thaobh a-muigh na Rìoghachd Aonaichte

Wilson MacLeòid, Oilthigh Dhùn Èideann; Bernadette O’Rourke, Oilthigh Heriot-Watt

Tha an rannsachadh seo a’ toirt seachad cùl-fhiosrachadh, fèin-fhiosrachadh agus beachdan bho bhuidheann de 'luchd-labhairt ùra' a tha a' fuireach ann an Alba ach a thàinig à dùthchannan eile air taobh a-muigh na Rìoghachd Aonaichte.

Soillse-NonUK New Speakers Final ReportUR2 (2)

Saoghal Thormoid: Tar-sgrìobhaidhean

Tormod MacGill-Eain; Gordon Wells; Facal-tòisich le Conchúr Ó Giollagáin

Tar-sgrìobhaidhean air còmhraidhean le Tormod MacGill-Eain air Sinnsireachd, Foghlam, Coimhearsnachdan, Cruthachalachd, agus Gàidhlig.

Saoghal Thormoid Synopses and Transcripts