Rannsachadh ùr ga chur air bhog: 02/07/20

June 30, 2020

Thèid leabhar ùr a chur air bhog le luchd-rannsachaidh à Institiud Rannsachaidh Cànain Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Soillse (com-pàirteachas rannsachaidh iomadh-bhuidhneil) air Diardaoin an 2na là den Iuchar 2020.

’S e ‘The Gaelic Crisis in the Vernacular Community: A comprehensive sociolinguistic survey of Scottish Gaelic’ an suirbhidh sòisealta as coileanta air suidheachadh na Gàidhlig sna coimhearsnachdan dùthchasach a chaidh a dhèanamh a-riamh. Tha an leabhar a’ taisbeanadh rannsachadh ùr sòiseo-chànanach air coimhearsnachdan Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar, ann an Stafainn san Eilean Sgitheanach agus ann an Tiriodh.

A bharrachd air mion-sgrùdadh air cleachdadh agus toirt seachad Gàidhlig na h-Alba mar chànan coimhearsnachd, tha an leabhar a’ foillseachadh dàta co-aimsireil air suidheachadh an luchd-bruidhne agus cleachdadh a’ chànain anns na coimhearsnachdan dùthchasach mu dheireadh a tha air fhàgail ann an Alba.

Conchúr Ó Giollagáin

 

Thug Àrd-Ollamh Rannsachaidh na Gàidhlig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, Conchúr Ó Giollagáin, mìneachadh seachad air adhbhar an leabhair: “Tha e cudromach gu bheil sinn soilleir mu na dùbhlain mhòra a tha an lùib Gàidhlig a thoirt air ais sna sgìrean sin far a bheil crìonadh leantainneach a’ tachairt.”

Tha an leabhar ‘The Gaelic Crisis in the Vernacular Community: A Comprehensive Sociolinguistic Survey of Scottish Gaelic’, ri fhaighinn bho Comhairle nan Leabhraichean.