Staing na Gàidhlig: Caibideil 9
November 6, 2020
Ma tha duine sam bith airson barrachd a leughadh mu dheidhinn “Staing na Gàidhlig” mus tèid na coinneamhan sna coimhearsnachdan a chumail le Alasdair Allan, BPA nan Eilean Siar, tha tionndadh Gàidhlig a-nis ri fhaotainn air-loidhne de Chaibideil 9 san leabhar: “A dh’ionnsaigh modail ùr airson ath-bheòthachadh coimhearsnachd na Gàidhlig”. Faodar a leughadh an seo. […]
“Living off the edge”: taisbeanadh air-loidhne
October 30, 2020
Bha taisbeanadh air-loidhne aig an àrd-ollamh Conchúr Ó Giollagáin airson an t-sreath de sheiminearan aig “The Edge” ann an OGE air Diardaoin 29mh, An Dàmhair, air an robh an tiotal “Living off the edge: The crisis in late modern ethnolinguistic diversity from the Gaelic perspective”. Bha e a’ togail air no toraidhean a thàinig a-mach às […]
Neach-rannsachaidh air Aithneachadh Cainnt
October 5, 2020
Tha Lucy Evans air ùr tòiseachadh mar neach-rannsachaidh aig Oilthigh Dhùn Èideann, ag obair air pròiseact Shoillse air aithneachadh cainnt a tha air a stiùireadh leis an Dr Uilleam Lamb. Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Quorate Technology Ltd cuideachd an sàs sa chom-pàirteachas. Seo agallamh a rinn Lucy airson GARG – (Gaelic […]
“The Gaelic Crisis” air fhoillseachadh
July 2, 2020
Chaidh toraidhean a’ phròiseict rannsachaidh aig Soille air Gàidhlig sna h-Eileanan fhoillseachadh mar leabhar. Tha an leabhar ‘The Gaelic Crisis in the Vernacular Community: A Comprehensive Sociolinguistic Survey of Scottish Gaelic’, ri fhaighinn bho Chomhairle nan Leabhraichean. Bho bhith a’ sgrùdadh an rannsachaidh, tha prìomh thoraidhean nan ùghdaran a’ sealltainn gu bheil an cànan ann an […]
Rannsachadh ùr ga chur air bhog: 02/07/20
June 30, 2020
Thèid leabhar ùr a chur air bhog le luchd-rannsachaidh à Institiud Rannsachaidh Cànain Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Soillse (com-pàirteachas rannsachaidh iomadh-bhuidhneil) air Diardaoin an 2na là den Iuchar 2020. ’S e ‘The Gaelic Crisis in the Vernacular Community: A comprehensive sociolinguistic survey of Scottish Gaelic’ an suirbhidh sòisealta as coileanta air suidheachadh […]
Ro-òrdaich: The Gaelic Crisis in the Vernacular Community
June 12, 2020
Faodar an leabhar seo ro-òrdachadh a-nis aig Comhairle nan Leabhraichean: https://gaelicbooks.org/index.php?route=product/product&product_id=1688&search=gaelic+crisis Tha an leabhar seo a’ toirt seachad nan toraidhean a thàinig a-mach às an sgrùdadh sòiseo-chànanach farsaing a chaidh a dhèanamh le Pròiseact Rannsachaidh Gàidhlig nan Eilean. Chaidh an rannsachadh a dhèanamh air cleachdadh sòisealta na Gàidhlig agus fèin-aithne Ghàidhealach anns na coimhearsnachdan mu dheireadh anns a […]
Stòras Beò nan Gàidheal – Goireas Albannach
March 17, 2020
Tha goireas ùr airson Gàidhlig na h-Alba a-nis deiseil sa phròiseact Stòras Beò nan Gàidheal, le 15 uairean de bhidiothan air an dèanamh sa choimhearsnachd, agus tar-sgrìobhaidhean air Clilstore. Tha iad air-loidhne a-nis air na duilleagan aig an Institiud Rannsachaidh Cànain aig Oilthigh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean. Tha com-pàirtichean ann an Èirinn ag […]
Pròiseact “Mediating Multilingualism”
January 30, 2020
Le taic bho Shoillse agus bho Shabhal Mòr Ostaig, tha an Institiud Rannsachaidh Cànain aig OGE a’ stiùireadh am pròiseact seo gus ceanglaichean a thogail le luchd-rannsachaidh sna h-Innseachan aig a bheil ùidh ann an ioma-chànanas agus cànain ann an cunnart. Anns a’ chiad bhliadhna, 2018-2019, chaidh co-labhairt a chumail aig Amity University, Haryana, mar […]
Dà-chànanas, Seargadh Inntinn & a’ Ghàidhlig: Aithisg
December 2, 2019
Tha am pròiseact airson Stòras Rannsachaidh Shoillse le Oilthigh Srath Chluaidh deiseil. Gheibhear an aithisg dheireannach air an seo. Tha alt a bharrachd ri fhaighinn air The Conversation: https://theconversation.com/bilingualism-and-dementia-how-some-patients-lose-their-second-language-and-rediscover-their-first-126631
Stòras Beò nan Gàidheal: Hughena NicDhòmhnaill
November 7, 2019
Seo eisimpleir eile bhon phròiseact “Stòras beò nan Gàidheal” no “Taisce bheo na nGael” anns a bheil Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Sabhal Mòr Ostaig ag obair le Soillse, agus com-pàirtichean ann an Èirinn, gus Gàidhlig na h-Alba agus na h-Èireann a chlàradh sna coimhearsnachdan far a bheil iad fhathast gam bruidhinn, a’ […]