January 31, 2018
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air obair ùr a shanasachadh an seo:
https://www.uhi.ac.uk/en/staff/vacancies/research-fellow-sociolinguistics.html
‘S e oilthigh co-fhillte, anns a bheil foghlam adhartach agus àrd-ìre gan tabhann, a tha ann an Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha an com-pàirteachas de 13 colaistean is ionadan rannsachaidh suaicheanta, agus tha e freumhaichte anns na coimhearsnachdan ach le ceanglaichean nàiseanta is eadar-nàiseanta agus mar phàirt de structar oilthigh sgìreil.
Bithear a’ fastadh neach anns an dreuchd seo ann an institiud ùr aig an oilthigh ann an Inbhir Nis – Institiud Rannsachaidh Cànain (IRC) / Language Sciences Institute (LSI) – airson taic a chumail ri a cuid obrach.
Rannsaiche Sòiseo-chànanachais
£35,696 – £41,382
Tha e mar phrìomh amas na dreuchd rannsachaidh seo gum bithear an lùib phròiseactan rannsachaidh na h-Institiuid agus a’ cumail taic ris an Stiùiriche airson obair rannsachaidh na h-Institiuid a leasachadh.
Thathar a’ sùileachadh gum bi eòlas iomchaidh air rannsachadh aig ìre àrd aig an tagraiche a shoirbhicheas ann an sòiseo-chànanachas, cànanachas gnìomhach no cuspairean eile iomchaidh don IRC.
Ceann-latha nan iarrtasan: 22 Gearran 2018.
Thèid agallamhan a chumail ann an Inbhir Nis air 5 Màrt 2018.
Fiosrachadh a bharrachd an seo.