Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ cur Àrd-Ollamh Rannsachaidh na Gàidhlig an dreuchd

March 28, 2014

Thathas air eòlaiche air mion-chànananan, an Oll Conchúr Ó Giollagáin, a chur an dreuchd mar Àrd-Ollamh Rannsachaidh na Gàidhlig aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus Eilean agus Stiùiriche air Soillse, Lìonradh Nàiseanta Rannsachaidh airson Glèidheadh agus Ath-bheothachadh na Gàidhlig. Tha cliù eadar-nàiseanta aig an Oll Conchúr Ó Giollagáin a thaobh planadh cànain agus cultar mhion-chànanan agus sòiseòlas. Tha e air mòran a sgrìobhadh mu chùisean a thaobh seasmhachd mhion-chànanan, gu sònraichte coimhearsnachd Gàidhealtachd na h-Èireann.

Tuilleadh fios an seo