March 2, 2016
“Ath-sgrùdadh air ar Suidheachadh: Na Mion-chànanan ann an Nua-aimsireachd an t-Saoghail Mhòir”
Air 19/04/16 nì an t-Àrd-ollamh Conchúr Ó Giollagáin, anns a’ chiad òraid ann an sreath leantainneach, ath-sgrùdadh air suidheachadh buidhnean mion-chànanan bho thaobh dùbhlanan ionadail is eadar-nàiseanta. Bidh e a’ sgrùdadh mar a tha buaidhean nua-aimsireachd tric a’ dol an aghaidh a-chèile ann an saoghal an là an-diugh. Tha nua-aimsireachd air atharrachadh mòr sòisio-chultarail a thoirt a-steach, a tha air tighinn am follais an lùib iomadachd a’ bhaile mhòir. Ach air an dàrna làimh, tha cunnartan na cois mu choinneimh mairsinneachd nam buidhnean mion-chànanan, a dh’fhaodadh iomadachd chultarail an t-saoghail a lughdachadh. Ann an co-theacsa sgoilearachd nan cànanan Ceilteach san latha an-diugh, tha e a’ cur na ceist an e Rannsachadh Ceilteach mar a tha e, a bhios a’ sgrùdadh dualchais chultarail ann an com-pàirteachas le sòisio-cànanachas ro-dhòchasach a’ bhaile mhòir, a’ bhun-stèidh innleachdail as fhreagarraiche airson nan dùbhlanan a tha romhainn. Tha Conchúr a’ mìneachadh gur e fuasgladh eile air an t-suidheachadh a tha a dhìth agus a’ toirt tuairisgeul seachad air ciamar a thèid dùbhlanan staid nam mion-chànanan a fhreagairt.
Fiosrachadh a bharrachd an seo.