Ro-òrdaich: The Gaelic Crisis in the Vernacular Community

June 12, 2020

Faodar an leabhar seo ro-òrdachadh a-nis aig Comhairle nan Leabhraichean:

https://gaelicbooks.org/index.php?route=product/product&product_id=1688&search=gaelic+crisis

Tha an leabhar seo a’ toirt seachad nan toraidhean a thàinig a-mach às an sgrùdadh sòiseo-chànanach farsaing a chaidh a dhèanamh le Pròiseact Rannsachaidh Gàidhlig nan EileanChaidh an rannsachadh a dhèanamh air cleachdadh sòisealta na Gàidhlig agus fèin-aithne Ghàidhealach anns na coimhearsnachdan mu dheireadh anns a bheil a’ Ghàidhlig a’ mairsinn gu dùthchasach – na h-Eileanan an Iar, ann an Stafainn anns an Eilean Sgitheanach, agus ann an Tiriodh. Tha modalan an t-suirbhidh stèidhte air: toraidhean a’ chunntais-shluaigh; cleachdadh a’ chànain aig aois ro-sgoile; dàta nan deugairean; trì coimhearsnachdan riochdachail; seòrsachadh luchd-labhairt, a’ toirt seachad fiosrachadh càileachdail is àireamhail air togail agus cleachdadh na Gàidhlig aig ìre na coimhearsnachd, an teaghlaich, na sgoile, agus gu pearsanta.