Stòras Beò nan Gàidheal – Goireas Albannach

March 17, 2020

 

Tha goireas ùr airson Gàidhlig na h-Alba a-nis deiseil sa phròiseact Stòras Beò nan Gàidheal, le 15 uairean de bhidiothan air an dèanamh sa choimhearsnachd, agus tar-sgrìobhaidhean air Clilstore. Tha iad air-loidhne a-nis air na duilleagan aig an Institiud Rannsachaidh Cànain aig Oilthigh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean. Tha com-pàirtichean ann an Èirinn ag obair air cruinneachadh dhen aon seòrsa sna Gàidhealtachdan acasan.

Sna bhidiothan Albannach tha luchd-labhairt ann à ceithir eileanan – Leòdhas, Uibhist a Tuath, Beinn na Faoghla, agus Uibhist a Deas – le ceathrar a’ bruidhinn à gach eilean. Faodar faighinn thuca tron cheangal seo:

https://www.uhi.ac.uk/gd/rannsachadh/cuspairean-rannsachaidh/na-h-ealain-agus-na-daonnachdan/institiud-rannsachaidh-canain/proiseactan/storas-beo-nan-gaidheal/

Tha am pròiseact seo a’ faighinn taic bhon dà chuid Bòrd na Gàidhlig agus Foras na Gaeilge.