Stòras Beò nan Gàidheal – Tòmas MacDhòmhnaill

October 13, 2019

Seo eisimpleir eile bhon phròiseact “Stòras beò nan Gàidheal” no “Taisce bheo na nGael” anns a bheil Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Sabhal Mòr Ostaig ag obair le Soillse, agus com-pàirtichean ann an Èirinn, gus Gàidhlig na h-Alba agus na h-Èireann a chlàradh sna coimhearsnachdan far a bheil iad fhathast gam bruidhinn, a’ cleachdadh dòighean-clàraidh agus innealan-clàraidh simplidh. Chaidh an còmhradh seo a chlàradh san taigh aig Tòmas MacDhòmhnaill ann an Uibhist a Deas. Tha e a’ bruidhinn ri Eairdsidh Caimbeul mu a bheatha sa choimhearsnachd agus na tachartasan Gàidhlig anns a bheil e air a bhith an sàs. Tha an còmhradh air a lìbhrigeadh ann an dà phàirt.

Faodar na bhidiothan fhaicinn gu dìreach air na ceanglaichean shìos:

Bhidio Pairt 1
Bhidio Pairt 2

Gheibhear na tar-sgrìobhaidhean (leis na bhiodiothan air an cur ann) air Clilstore an seo:

Tar-sgrìobhadh Pairt 1
Tar-sgrìobhadh Pairt 2

 

Tha Bòrd na Gàidhlig agus Foras na Gaeilge a’ toirt taic dhan phròiseact seo.