Tha Soillse a’ sireadh neach-rannsachaidh ann an sòiseo-chànanachais

November 30, 2014

Rannsaiche Sòiseo-chànanachais – Dà Bhliadhna

‘S e com-pàirteachas ioma-ionadail is eadar-cuspaireil a th’ ann an Soillse eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Colaiste a’ Chaisteil, a tha nan colaistean com-pàirteachaidh ann an Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean; Oilthigh Obar Dheathain; Oilthigh Dhùn Èideann agus Oilthigh Ghlaschu. Chaidh Soillse a stèidheachadh ann an 2009 airson cothroman rannsachaidh is trèanadh iar-cheumnach a liubhairt ann an cuspairean sgoileireil co-cheangailte ri glèidheadh is ath-bheòthachadh na Gàidhlig is a cultair. Tha na h-oilthighean com-pàirteachaidh airson

Soillse a leasachadh mar iomairt rannsachaidh mhion-chànanan aig ìre eadar-nàiseanta, agus airson com-pàirteachadh anns an deasbad sgoileireil is phoblach a thaobh ghnothaichean mion-chànain le bhith a’ leudachadh nan cothroman rannsachaidh ann an sòiseo-eòlas, sòiseo-chànanachas agus poileasaidh is dealbhadh cànain a thaobh na Gàidhlig mar chànan is cultar beò, agus airson eòlas a chur ri poileasaidhean poblach ann an Alba agus thall thairis.

Tha Soillse, ann an com-pàirteachas le Sabhal Mòr Ostaig, a’ sireadh thagraidhean airson cùmhnaint a mhaireas dà bhliadhna bho rannsaichean aig a bheil eòlas is teisteanasan dearbhte airson sàr obair sgoileireil ann an cuspairean a tha buntainn ri amasan rannsachaidh Shoillse. Feumaidh tagraichean cunntas-beatha agus litir thagraidh a chur thugainn a dh’innseas ciamar a tha an eòlas freagarrach do dh’amasan rannsachaidh Shoillse agus ciamar a chuireas an sgilean rannsachaidh ri aithris-rùin rannsachaidh Shoillse. Thèid iarraidh air tagraichean anns a’ phròiseas agallaimh na comasan cànain a th’ aca sa Ghàidhlig a dhearbhadh a leigeas leotha an cuid obrach mar neach-rannsachaidh Shoillse a dhèanamh gu h-iomlan. Tha barrachd fiosrachaidh air a’ phròiseas agallaimh agus riatanasan cànain ri fhaotainn bho Stiùiriche Shoillse.

Bu chòir do thagraichean innse ciamar a fhreagras an cuid sgilean ri na puingean seo:

  • Freagarrachd an iarrtais ri cuspairean rannsachaidh Shoillse
  • Freagarrachd an eòlais rannsachaidh air mion-chànanan ri amasan Shoillse
  • Comas air pròiseactan rannsachaidh sòiseo-cànanach a chur an sàs, a dhealbhadh is a stiùireadh
  • Comas air obair rannsachaidh a chur an sàs a rèir cinn-latha rannsachaidh
  • Comas air toraidhean aithris is a thaisbeanadh.

Tha am post rannsachaidh seo stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig, com-pàirtiche foghlaim ann an Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean. Tha dùil gum fuirich an tagraiche soirbheachail faisg air an àite-obrach rè a’ chùmhnaint obrach.
Dleastanasan Obrach

‘S e prìomh amas a’ phuist rannsachaidh seo com-pàirteachadh ann an Soillse mar neach-taic rannsachaidh do Stiùiriche Shoillse. Tha dùil gun leasaich an tagraiche soirbheachail ìomhaigh phearsanta ann an rannsachadh sòiseo-chànanachas a’ buntainn ri ath-bheothachadh mhion-chànanan agus gum bithear an sàs anns na prìomh phròiseactan rannsachaidh.

Cuideachd, tha dùil gun coilean an rannsaiche dleastanasan coitcheann lìonra Shoillse a tha ag amas air:

  • Rannsachadh aon neach is rannsachadh buidhne a chur an sàs le bhith a’ stèidheachadh clàr obrach is a’ foillseachadh thoraidhean ann an irisean, leabhraichean is foillseachaidhean co-labhairt.
  • Taic a chumail ri ullachadh thagraidhean maoineachadh do bhuidhnean iomchaidh agus na tabhartasan maoineachaidh seo a cho-stiùireadh aig sàr ìre choileanta cuide ri Stiùiriche Shoillse.

Am Post Rannsachaidh

Tiotal dreuchd: Rannsaiche Shoillse ann an Sòiseo-chànanachas

Ùine: Mairidh am post rannsachaidh dà bhliadhna

Manaidsear Sreathail: Stiùiriche Rannsachaidh Shoillse

Adhbhar a’ Phuist Rannsachaidh: Tha prìomh dhleastanasan an Rannsaiche mar a leanas:

  • A’ toirt rannsachaidh os làimh gu leantainneach ann an cuspair/cuspairean iomchaidh do Shoillse agus a’ com-pàirteachadh mar sgioba airson foillseachaidhean rannsachaidh aig ìre eadar-nàiseanta a thoirt gu buil
  • A’ com-pàirteachadh ann am pròiseactan rannsachaidh air an stiùireadh le Stiùiriche Shoillse
  • A’ cumail taic ri Stiùiriche Shoillse le ullachadh obair rannsachaidh sgoileireil airson a foillseachadh ann an leabhraichean, irisean, aithisgean oifigeil is air-loidhne
  • A’ com-pàirteachadh ann an coinneamhan is tachartasan eile a rèir Stiùiriche Shoillse
  • A’ cumail taic ri obair Shoillse ann an iomadh dòigh a leithid cur ri: cruinneachadh is glèidheadh diofar sheòrsachan de stòr-dàta; foillseachadh is sgaoileadh obair rannsachaidh Shoillse ann an iomadh cruth; agus obair ullachaidh cho-labhairtean, bhùithtean-obrach, òraidean is dòighean eile air eòlas a sgaoileadh
  • A’ frithealadh is a’ com-pàirteachadh ann an co-labhairtean, bùithtean-obrach, òraidean is dòighean eile air eòlas a sgaoileadh
  • A’ cur ri obair ullachaidh air tagraichean maoineachaidh cuide ri Stiùiriche Shoillse
  • Ag obair air làrach-lìn Shoillse, a’ cumail taic ri stiùirichean Shoillse le sgaoileadh fiosrachaidh air a’ phròiseact is toraidhean a’ phròiseact gu nàiseanta is gu h-eadar-nàiseanta.

Prìomh Chomasan

Riatanach

  • Comas air a’ Ghàidhlig a thuigsinn, a leughadh, a sgrìobhadh is còmhradh a chumail. Thèid iarraidh air tagraichean an cuid chomasan cànain a thaisbeanadh aig ìre agallaimh
  • Eòlas-obrach fad dà bhliadhna co-dhiù air rannsachadh sòiseo-chànananachais, cànanachais ghnìomhach, antrop-eòlais chànanach no cuspair eile freagarrach ri amasan rannsachaidh Shoillse
  • Comas air obair rannsachaidh mhion-chànanan a ghabhail os làimh, eòlas obrach air dà phròiseact obair rannsachaidh no barrachd a tha iomchaidh do chlàr rannsachaidh Shoillse
  • Fianais air comasan rannsachaidh innleachdach aig ìre àrd a ghabhail os làimh ann an cuspair/cuspairean iomchaidh do Shoillse agus air an rannsachadh sin fhoillseachadh
  • Comasan conaltraidh math agus comas air rannsachadh a thaisbeanadh
  • Comas obrach neo-eisimeileach agus fo stiùireadh cho-obraichean sgoileireil agus mar phàirt de sgioba luchd-rannsachaidh
  • Comas agus deòin air tachartasan conaltraidh poblach a stiùireadh airson fios a chumail ri buidhnean fa leth air na thig às na toraidhean rannsachaidh air a’ Ghàidhlig
  • Comas agus deòin air pròiseactan a chur air bhonn agus air obrachadh a rèir structaran stiùiridh
  • Sàr sgilean dealbhaidh ann an rannsachadh is rianachd
  • Comas obrach sa Bheurla freagarrach don ìre sgoileireil.

Buannachdail

  • Eòlas air cor na Gàidhlig ann an Alba agus air poileasaidh iomchaidh airson a glèidheadh is a h-ath-bheòthachadh
  • Tuigse mhath air gnothaichean co-cheangailte ri glèidheadh mion-chànain is ath-bheothachadh cànain san fharsaingeachd
  • Comas dearbhte air toradh obair rannsachaidh sa Ghàidhlig a thaisbeanadh, gu labhairteach is ann an sgrìobhadh, agus comas air taisbeanaidhean a dhèanamh is com-pàirteachadh ann an co-labhairtean, bùithtean-obrach is co-chruinneachaidhean
  • Comas foillseachaidh tro mheadhan na Gàidhlig
  • PhD air a thoirt gu crìch no a’ tighinn gu crìch, ann an cuspair iomchaidh do na saidheansan cànain.

Ionad Fastaidh

Bidh an tagraiche soirbheachail stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig, aon de na h-ionadan com-pàirteachaidh an sàs ann an Soillse. Bidh an Rannsaiche ag obair a rèir cùmhnantan obrach an ionaid stiùiridh.

Tha dùil gum bi an tagraiche soirbheachail a’ com-pàirteachadh anns an obair aig Soillse ann an Inbhir Nis, far a bheil Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean stèidhichte, an t-ionad a tha a’ stiùireadh lìonra Shoillse.
Thèid an tagraiche soirbheachail fhastadh air tuarastal a rèir eòlais sgoileireil agus eòlais obrach, agus a rèir sgèile thuarastail SMO, eadar £29,574 – £32,250.

Ùine

Tha am post seo air a mhaoineachadh airson 2 bhliadhna.

Pròiseas Tagraidh

Feumaidh tagraichean foirm tagraidh a lìonadh is a chur thugainn cuide ris na leanas:

  • Cunntas-beatha iomlan, anns a bheil clàr air foillseachadh an tagraiche, agus ainm dithis luchd-teisteanais
  • Litir thagraidh a chuireas an cèill:
    a) carson a thathar a’ dèanamh tagraidh agus ciamar a leudaicheas am post rannsachaidh seo an t-slighe-obrach agaibh ann an rannsachadh sgoileireil
    b) ciamar a tha eòlas an tagraiche gu ruige seo iomchaidh do dh’amasan rannsachaidh Shoillse agus ciamar a chuireas an sgilean rannsachaidh ri aithris-rùin rannsachaidh Shoillse.

Gheibh tagraichean barrachd fiosrachaidh mun phost bhon Oll. Conchúr Ó Giollagáin, Stiùiriche Shoillse, ma tha iad airson còmhradh mì-fhoirmeil a chur air dòigh ron agallamh fhoirmeil. Fòn: 01471 888558; Post-d: sm00cog@uhi.ac.uk

Ceann-latha airson iarrtasan: 5 Faoilleach 2015

Ceann-latha nan agallamhan: Deireadh an Fhaoillich 2015