June 3, 2014
SGEAMA LUCHD-RANNSACHAIDH SHOILLSE
Soillse – Sabhal Mòr Ostaig, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean
2 Neach-rannsachaidh Iar-dhotaireil fad Dà Bhliadhna
Tha Soillse, ann an com-pàirteachas le Sabhal Mòr Ostaig, a’ sireadh thagraidhean bho rannsaichean aig a bheil eòlas is teisteanasan dearbhte airson sàr obair sgoileireil ann an cuspairean a tha buntainn ri amasan rannsachaidh Shoillse. Chaidh Soillse a stèidheachadh mar iomairt chom-pàirteachaidh airson cothroman rannsachaidh a liubhairt ann an caochladh chuspairean sgoileireil co-cheangailte ri gleidheadh is ath-bheothachadh na Gàidhlig is a cultair.
Tha an dà phost rannsachaidh iar-dhotaireil rim faotainn aig Sabhal Mòr Ostaig, Oilthigh na Gàidhealtachd. Feumaidh tagraichean a bhith fileanta sa Ghàidhlig agus bu chòir gum biodh ceum PhD aca agus eòlas air com-pàirteachas ann am pròiseactan rannsachaidh sòiseo-cànanachais. Thèid na tagraichean a tha soirbheachail fhastadh a rèir ìrean tuarastail iomchaidh SMO.
Ceann-latha airson iarrtasan: 14 Iuchar 2014.
Thèid agallamhan a chumail: Deireadh an Iuchair 2014.
Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh bho Stiùiriche Shoillse: An t-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin, Sabhal Mòr Ostaig, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, Fòn: 01471 888558, post-d: sm00cog@uhi.ac.uk.