December 5, 2014
Tha Soillse, ann an com-pàirteachas le Sabhal Mòr Ostaig, a’ sireadh thagraidhean airson cùmhnant manaidseir bho luchd-rianachd aig a bheil eòlas is teisteanasan dearbhte ann an stiùireadh phròiseactan. ‘S e iomairt chom-pàirteachaidh a th’ ann an Soillse airson cothroman rannsachaidh a liubhairt ann an cuspairean sgoileireil co-cheangailte ri glèidheadh is ath-bheòthachadh na Gàidhlig is a cultair.
Tha am post rianachd seo ri fhaotainn aig Sabhal Mòr Ostaig, com-pàirtiche ann an Oilthigh na Gàidhealtachd. Feumaidh eòlas a bhith aig tagraichean air stiùireadh phròiseactan iomchaidh do na h-amasan aig Soillse. Thèid an tagraiche soirbheachail fhastadh a rèir ìrean tuarastail SMO, eadar £36,000 is £46,000.
Ceann-latha airson iarrtasan: 16 Faoilleach 2015. Bu chòir iarrtasan a chur air post-d gu obair@smo.uhi.ac.uk Tha dùil gun tèid agallamhan a chumail am meadhan a’ Ghearrain 2015.
Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh bho Stiùiriche Shoillse: An t-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin, Sabhal Mòr Ostaig. Fòn: 01471 888558, post-d: sm00cog@uhi.ac.uk
Agus ann an seo:SOILLSE_MANAIDSEAR PRÒISEICT_Tuairisgeul Obrach